Chaidh slighe luach £27m a thaghadh airson a' bhaile
- Air fhoillseachadh

Tha comhairlichean Gàidhealach thar-phàrtaidh air slighe a' mholadh airson seach-rathaid an iar air Inbhir Nis son ceangal a dheanamh leis an A82.
Dheigheadh an t-slighe an cois na h-aibhne bho chearcal Rathad Dhùibhrais gu Muilinn Thuilm, far an deigheadh e tarsaing na h-aibhne gu Pàirce Whin. Dheigheadh e an uairsin air iomail na pàirce 's ma ghabhas an làn-chomhairle ris a' mholadh, thèid e tarsaing a' chànail aig Tom na h-Iùbhraich.
Tha 8 roghainnean aig na Comhairlichean agus thagh iad am fear seo 's iad dhen bheachd gur e as freagaraiche.
Cosgaidh an t-slighe ùr £27.2m agus tha dùil gun tòisich an obair ann an 2014/15.
Tacadh
Mhol na Còmhairlichean gum bu chòir airgead a chosg air leasachaidhean a dhèanamh air na goireasan spòrs ann am Pàirce a' Bhucht agus Tòrr Bheathain.
Thuirt an comhairliche Iain Laing gu feum adhartas a dhèanamh air a' phroiseact seo mus èirich nan cosgaisean.
"Tha am baile feumach air an rathad ùr seo, 's am baile air a thacadh le trafaig 's leis an t-slighe ùr cha bhith aig daoine siubhal astaran cho fada", thuirt e.
Thèid a' chùis air beulabh na làn-chomhairle air 1mh Màirt.