Chaidh an t-seirbheis smàlaidh aig tuath a chàineadh

Luchd-smàlaidh
Image caption Chaidh grunn cheistean a thogail mun t-seirbheis smàlaidh sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

Tha "laigsean bunaiteach" ann an Seirbheis Smàlaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean, a rèir sgrùdaidh mun bhuidhinn.

Nochd na draghan mar phàirt de rannsachadh san Dùbhlachd air sàbhailteachd luchd-smàlaidh ann an cuid de na stèiseanan aig tuath.

Fhuair an sgrùdadh gun robh ceist ge-ta, chan ann a-mhàin mu dhèidhinn sàbhailteachd, ach cuideachd mu dhèidhinn trèanadh agus dòighean-obrach na seirbheis.

Chaidh am fiosrachadh a dhèanamh poblach ann an litir bho Àrd-Oifigeir Smàlaidh Roinn a' Mhonaidh, Dàibhidh Dalziel, gu Àrd-Oifigear na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Trevor MacIain.

Sàbhailteachd

Anns an litir tha Mgr Dalziel ag ràdh gu bheil fios aige gu bheil Mgr MacIain mothachail air na trioblaidean a th'ann, ach gu bheil an suidheachadh cho truagh is gu bheil e airson is gum bi litir foirmeil ann mu dhèidhinn.

Thuirt Mgr Dalziel gu bheil dùbhlan mòr mu choinneamh na seirbheis sa Ghàidhealtachd gus gnothaichean a chur ceart, dùbhlan nas motha na chunnaic e riamh san ùine aige san t-seirbheis.

A rèir Mhgr Dalziel tha na laigsean a' fàgail gum biodh e uabhasach doirbh do sheirbheis na Gàidhealtachd i fhèin a dhìon nan rachadh a toirt gu lagh.

Thuirt e gum feumar dèiligeadh ris an staing cho luath sa ghabhas airson 's nach buail i air an t-seirbheis smàlaidh ùr nàiseanta a tha san amharc.

Chuir Aonadh an Luchd-Smalaidh aig tuath bhòt cion-earbsa ann an luchd-stìuiridh na seirbheis an t-seachdain seo chaidh.

Laigsean

Thuirt an t-aonadh gun robh fios aig luchd-stiùiridh mu laigsean a thaobh sàbhailteachd is trèanadh ach nach do rinn iad dad mun dèidhinn.

Thathas an dùil gun cuir Trevor MacIain plana-gnìomh air beulaibh Bhòrd Smàlaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean air an ath-mhìos.

Thuirt e gun dùin stèiseanan sam bith far a bheil ceist mu shàbhailteachd is trèanadh gus an tèid dèiligeadh ri gnothaichean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile