Chaidh milleadh a dhèanamh air an aiseig an Isle of Mull

Chaidh milleadh a dhèanamh air an MV Isle of Mull nuair a bhuail i ann an cidhe an Òbain aig an deireadh-sheachdain.

Thachair an tubaist feasgar Disathairne is am bàta a' siubhail eadar Creag an Iubhair is an t-Òban le 177 luchd-siubhail air bòrd.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun do thachair an tubaist le gaoth cho làidir ri 70mph a' bualadh air an aiseig.

Dhearbh iad nach deach duine a ghoirteachadh.

Tubaist eile

Chan eil fios dè cho fads a bheir e am bàta a chàireadh is Cal Mac an-drasta a' dèanamh sgrùdadh air a' mhilleadh.

Tha iad air an Hebridean Isles a chur air an t-slighe eadar Creag an Iubhair is an t-Òban san eadar-àma.

Bha tubaist eile Dimàirt sa chaidh nuair a bhuail an MV Caledonian Isles sa chide aig Àird Rosain ann an gaoth làidir.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile