Stòras ùr an Fhearainn
- Published
Cuiridh Riaghaltas na h-Alba airgead ann an stòras ùr son coimhearsnachdan a chuideachadh an cuid talmhainn a cheannach.
Thèid £6m a chur san stòras thairis air an ath thrì bliadhna.
'S e Ministear na h-Àrainneachd, Stiùbhairt Stevenson, a dh'fhoillsich an naidheachd is e a' tadhal air Urras Ghabhsainn ann an Leòdhas.
Tha an t-Urras an diugh a' comharrachadh còig bliadhna bho ghabh iad sealbh air an oighreachd.
Chaidh an stòras a bh'ann - a chuidich grunn choimhearsnachdan gus fearann a cheannach - à bith ann an 2006.
Bha an riaghaltas air gealltainn cheana stòras ùr a chur na àite.
Eisimpleir
Thuirt Mgr Stevenson gu bheil Urras Ghabhsainn fhèin nan eisimpleir air na buannachdan a th'ann do choimhearsnachd a gheibh sealbh air an fhearainn aca.
Thuirt e gu bheil an riaghaltas airson is gun gabh tuilleadh choimhearsnachdan an cothrom.
'S iad Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Maoin a' Chrannchair a bhios os cionn an stòrais.
Rinn a' bhuidhean Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, a tha a' riochdachadh choimhearsnachdan a cheannaich am fearainn aca, toileachas ris an naidheachd.
Thuirt cathraiche na buidhne, Dàibhidh Camshron, gum biodh cothroman an lùib an stòrais do bharrachd choimhearsnachdan sealbh a ghabhail air an fhearainn aca.
Thuirt e gun robh e gu sònraichte toilichte gum bi HIE an lùib an stòrais.
Tha Mgr Camshron ag ràdh gu bheil eòlas aig HIE is gu bheil iad air cuideachadh mòr a thoirt do choimhearsnachdan anns na bliadhnaichean a chaidh seachad gus na h-oighreachdan aca a cheannach.