Bogie a' glèidheadh ann an rèis a' Bhodaich-sneachda
- Air fhoillseachadh

Ghlèidh Dàibhidh Bogie agus Caoimhin Rae rèis ralaidh a' Bhodaich-sneachda air a' Ghàidhealtachd aig an deireadh sheachdain.
'S e seo an dàrna bliadhna an sreath a chèile a bhuannaich an dithis an rèis, 's iad ann am Mitsubishi EVO 9.
Rinn sneachda agus droch shìde cùisean doirbh do dhraibhearan.
Ach chuir Bogie agus Rae crìoch air na 6 earrannan ann an 50 mionaid is 3 diog - sin còrr is mionaid na luaithe na an dàrna càr.
'S e Mike Faulkner agus Peadar Foy a bha san dàrna àite ann an EVO 6.
Agus b' e am Ford Focus aig Peadar Mac an Tàilleir agus Anndra Roughead a thàinig a-steach san treas àite.
Cùisean doirbh
Ged a tha coltas ann gun d'rinn Bogie is Rae an gnothach gun cus trioblaid, tha iad ag ràdh nach robh e cho furasta sin.
"Tha sinn air ar dòigh ghlan", thuirt Bogie.
"Ach bha cùisean gu math doirbh - am measg an fheadhainn as miosa a chunnaic mise a-riamh.
"Tha a h-uile duine a fhuair timcheall a' chùrsa airidh air bonn.
Bha Faulkner co-ionnan ri Bogie anns a' chiad earrann, agus anns an dàrna àite anns an earrann mu dheireadh.
Thuirt e: "Bha sinn air ar rothaigeadh son seo a ghlèidheadh.
"'S e seo cho math 's a rinn sinn a-riamh sa Bhodach-sneachda, mar sin 's e toiseach tòiseachaidh math dhan t-seàsan a th'ann.