Taic airgid son Talla a' Chinn a Deas

Talla a' Chinn a Deas
Image caption Thèid barrachd rudan a dhèanamh leis an talla aon uair's gu bheil an leasachadh deiseal.

Fhuair comataidh Talla a' Chinn a Deas ann an Uibhist £148,788 son an togalach aca a sgeadachadh.

Tha iad an dùil cidsean ùr a chuir ann, càradh a dhèanamh air a' mhullach agus uinneagan ùra a cheannach cuideachd.

Tha grùnn rudan a' dol anns an talla an dràsta agus aon uair 's gu bheil e deiseil thathar an dòchas gun tèid a chleachdadh barrachd son cuirmean agus buidhnean dràma.

Thuirt cathraiche comataidh an talla, Raghnall MacFhionghain gun robh iad air an dòigh ghlan leis an airgead.

"Tha an talla aig cridhe na coimhearsnachd agus bidh daoine a' tighinn bho fad is farsaing son na goireasan a chleachdadh.

"Bidh e freagarrach son phàrantan is pàisde agus seann daoine a tha a' coinneachadh san talla ga seachdain", thuirt e.

Coille Ath Linne

Fhuair buidheann choimhearsnachd ann an Ceirseadar, Leòdhas, airgead bhon chrannchur cuidead.

Thèid £135,609 a thoirt dhaibh son slighean nas fheàrr a thogail timhceall Coille Ath Linne 's thèid goireasan foghlaim a thogail cuideachd son fiosrachadh a thoirt seachad air fiadh-bheatha agus eachdraidh na sgìre.

Chuir Rùnaire Coille Choimhearsnachd Ath Linne, Iain MacLeòid fàilte air an naidheachd, ag ràdh gun robh an t-airgead a' dol a bhith na chuideachadh mòr dhaibh.

"Bidh cothrom againn leasachadh mòr a dhèanamh son buannachd na coimhearsnachd 's bidh e nas fhasa do dhaoine faighinn timcheall na coille sìos gu Loch Shìophort.

"Bidh barrachd dhen choille ri fhaicinn agus gheibhear an cothrom barrachd ionnsachadh mu na beathaichean is àrainneachd", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile