Buidheann taic ùr son prìomh lìog na h-iomain
- Air fhoillseachadh

Tha Comunn na Camanachd air innse gum bi companaidh ùr a' cur taic ri prìomh lìog na spòrs.
'S iad a' bhuidheann Orion a bhios a' cur taic ris an lìog airson dà bhliadhna.
Tòisichidh an Orion Group Premiership, mar a th' air a-nis, air an 3mh là dhen Mhàirt.
Cha deach innse dè cho luachmhor 's a tha seo dhan spòrs, ach thuirt Comunn na Camanachd gum biodh e na chuideachadh ann a bhith a' leasachadh na spòrs.
Thuirt Torcuil MacLeòid bho Chomunn na Camanachd gu bheil triùir oifigearan leasachaidh ag obair làn-thìde aig a' bhuidhinn mar thà.
Leasachaidhean ùra
"Tha iadsan a' faighinn taic bho àireamh àrd de choidseachan saor-thoileach agus daoine eile air feadh na dùthcha.
"Tha airgead den t-seòrsa seo a' toirt cothrom dhuinn, neo a' toirt buidseat dhaibh-san airson rud beag a bharrachd a dhèanamh anns na sgìrean aca.
Thuirt Mgr MacLeòid cuideachd: "Tha sinn cuideachd 's dòcha a' coimhead air leasachaidhean ùra a chur an gnìomh tron t-seusan."