Riaghladh air bàs chluicheadair ball-coise

Image copyright Other
Image caption Gòrdan Lennon (taobh deas) le Jim Chapman a bha roimhe na manaisdear aig Dùn Breatainn

Tha siorraidh air co-dhùnadh gur e suidheachadh "dòrainneach" a thug bàs do chluicheadair ball-coise "ro thràth".

Bhàsaich sgiobair chluba Dhùn Bhreatainn, Gòrdan Lennon, 26 à dèidh mar a bhuail càball dealain air a' charbad anns an robh e a' siubhal.

Bha Maighstear Lennon air turas draibhidh far an rathaid air oidhreachd ann an Siorrachd Rois san Ògmhios 2009 nuair a thachair an tubaist.

Thuirt am breitheamh Alasdair MacPhàidein gun robh an carbad a' dol ro luath son an t-suidheachaidh anns an robh e.

Chualas ann an rannsachadh tubaist bhàsmhor gun robh "sreath de tachartasan uabhasach" air gabhail àite.

Càballan dealain

Bha Maighstear Lennon a' siubhal ann an carbad 4X4 a bha air buaileadh ann an cabar a bha a' giulain chàballan dealain.

Nuair a chaidh an carbad far na slighe air oidhreachd Bhrathainn, bhris e an cabar agus thuit càball a bha a' giulain 32,000 volt air a' charbad.

Chaidh Mgr Lennon a bhuaileadh le gath dealain fhad 's a bha e a' feuchainn ri teicheadh.

Dhearbh luchd-obrach aig ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis gun robh gr Lennon air bàsachadh.

B' ann à Latharna ann an Èireann a Tuath a bha an cluicheadair ach bha e air a bhith a' fuireach ann am Pàislig.

Anns an aithisg leis an t-Siorraidh MacPhàidein, thuirt e gun gabhadh an tubaist seachnadh nan robh Fraser Hughes, a bha air cùil na cuibhle air "cùram gu leòr a ghabhail agus smachd chumail" agus cuideachd a' siubhail aig "astar na b' ìsle a bhiodh freagarrach" nuair a thàinig e faisg air a' chabar.

Thuirt an siorraidh nach eil draibheadh far an rathaid taobh a-staigh riaghailtean slàinte is sàbhailteachd.

Mhol e do Chomhairle na Gàidhealtachd beachdachadh air am bu chòir tachartasan mar seo, far a bheil airgead ga thoirt seachad, a bhith fosgailte dhan mhòr-shluagh, agus am bu chòir dhaibh cead foirmeil fhaighinn.

Thuirt am siorram gur robh truas pearsanta aige ris an teaghlach.