Leasaichear Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn
- Air fhoillseachadh
Gheall Ministear na h-Àrainneachd, Stiùbhart Stevenson, gun tèid coimhead ri Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn, feuch cùisean a dhèanamh nas fhasa do choimhearsnachdan a tha ag iarraidh sealbh fhaighinn air an cuid fearainn fhèin.
Tha an naidheachd a' tighinn às dèidh mar a dh'fhoillsich Mgr Stevenson stòras fearainn ùr Diluain.
Chan eil an Stòras air a bhith ri fhaotainn bho 2006.
Tha gearainnean air a bhith ann bho chaidh an Achd a dhèanamh na lagh, gu bheil e ro thoinnte, 's ro dhoirbh a chur an gnìomh.
Atharrachadh Riaghailtean
"Tha riaghailtean ann còmhla ris an Achd, a tha a' riaghladh mar gum biodh, ciamar a dheadh tu timcheall air an lagh obrachadh," thuirt am fear-lagha Sìm Friseal.
"Sin far a bheil an trioblaid. Bha na riaghailtean sin air an dèanamh cho teann 's ann an dòigh anns nach gabh an cleachdadh ann, mar a dh'ionnsaich iomadach coimhearsnachd a dh'fheuch an Achd a chleachdadh.
"Tha mi a' smaoineachadh gun gabhadh sin leasachadh gun an lagh fhèin atharrachadh, dìreach le bhith a' sealltainn ris na riaghailtean a tha sin.
"Chuala mi gun tuirt am Ministear a bh' ann aig an àm, gun robh e airson 's gum biodh an Achd ann, ach gum feumadh e a bhith air a chur ri chèile ann an dòigh nach biodh e furasta a chleachdadh. Cha robh e airson 's gum biodh e air a chleachdadh ro thric.
"Feumaidh gun deach iad ro fhada le sin.
"(Seach a bhith a' dèanamh achd ùir) bhiodh e tòrr na b'fhasa dìreach na riaghailtean atharrachadh.
"Tha neart aig Ministear sin a dhèanamh, faodaidh e dìreach rud a chur air beulaibh na Pàrlamaid gun achd ùr a thoirt a-steach.
"Mar a tha na riaghailtean ag obrachadh, 's urrainn do dh'uachdaran sam bith bacadh a chur air iomairt sam bith airson an Achd a chleachdadh leis cho teann 's a tha na riaghailtean," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 20 An Gearran 2012