Slaic air an rèile aig tuath

  • Air fhoillseachadh
Trèana
Fo-thiotal an deilbh,
Chan eil Seòmraichean Malairt na h-Alba riaraichte le seirbheis na rèile.

Chan eil seirbheis na rèile air Ghàidhealtachd freagarrach son an linne a th' ann, a rèir Seòmraichean Malairt na h-Alba.

Rinn a' bhuidheann càineadh air an t-seirbheis aig tuath mar phàirt de cho-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba air cùmhnant nàiseanta na rèile.

Thig an cùmhnant - a tha aig First Scotrail an-dràsta - gu ceann ann an 2014.

Bha grunn cheistean aig Seòmraichean Malairt na h-Alba mun t-seirbheis tuath air Peart, is iad ag ràdh gum bu chòir ceanglaichean nas fheàrr a bhith ann ri ceann a tuath agus ear-thuath na dùthcha.

Seirbheisean

Thuirt iad gu sònraichte gum bu chòir barrachd sheirbheisean a bhith ann tràth, gus am faigheadh daoine gu meadhan na h-Alba son toiseach an là obrach.

Tha iad cuideachd a' cumail a-mach nach eil an t-seirbheis a th' ann a' freagairt air feumalachdan gnìomhachas na turasachd nas motha.

Dh'iarr a' bhuidheann gum biodh goireasan Wi Fi nas fheàrr air trèanaichean air feadh na h-Alba, agus siostam prìs thiceadan mar a th' aig companaidhean adhair.

Thog iad dragh cuideachd mu stèiseanan is seirbheisean air nach eil mòran dhaoine a' cur feum.

A rèir na buidhne cha do chleachd ach ochdnar aon stèisean ann an 2002/03, a' dol suas gu 90 duine ann an 2009/10.

Cha do dh'innis iad dè an stèisean a th' ann.

"Saorsa"

"Feumaidh an cùmhnant seo saorsa a thoirt dhan chompanaidh a gheibh e prìomhachas a chur air seirbheisean air a bheil fèill", thuirt Àrd-Stìuriche Seòmraichean Malairt na h-Alba, Liz Chamshron.

"Aig an ìre seo tha goireasan gan caitheamh air seirbheisean nach eil mòran a' cleachdadh".

Tha a' bhuidheann airson is gum bi an ath-chùmhnant a' maireachdain co-dhiù dusan bliadhna is iad a' cumail a-mach gu bheil leasachaidhean mòra a dhìth.

Thuirt iad gum feum as bìth cò a gheibh an cùmhant ùine airson plana-gnìoimha farsaing a dheasachadh agus an uair sin a chur an sàs.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh