Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Ghrèig

Chaidh plana cobhair son eaconamaidh na Grèige a chur air ais air a casan aontachadh tron oidhche. Dh'aontaich ministearan ionmhais an Eurozone am plana anns a bheil luach £110bn. Bha iad fad trì uairean de thìde a' deasbad na cùise. Tha am plana a' ciallachadh gum feum a' Ghrèig barrachd ghearraidhean a chur an sàs - rud nach còrd ri mòran de mhuinntir na dùthcha. (Agus) Tha caismeachdan air a bhith a' dol air sràidean na dùthcha bho na daoine a tha an aghaidh nan gluasadan sin.

Dominique Strauss-Kahn

Tha fear a bha roimhe na cheannard air Maoin Ionmhais na Cruinne, Dominique Strauss-Kahn, ga cheasnachadh le poilis san Fhraing a tha a' rannsachadh chasaidean mu chearcall shiùrsachd. Tha Mgr Strauss-Kahn ga chumail aig stèisean poilis ann an Lille an-dràsta. Tha poilis ag ràdh gun do bhruidhinn iad ri grunnan bhoireannach a thuirt gun robh iad ri feise còmhla ris. Tha Mgr Strauss-Kahn ag ràdh nach robh fhios aige gur e siùrsaich a bha anns na boireannaich. Leig e dheth a dhreuchd an-uiridh an dèidh dha a bhith fo chasaid gun do dh'èignich e boireannach ann an New York. Chaidh cur às dha na casaidean sin.

Oifis a' Phuist

Tha comataidh de Bhuill-Phàrlamaid a' tòiseachadh sgrùdaidh air sreath de dh'atharrachaidhean a thathar am beachd a thoirt air Oifis a' Phuist. Am measg nam planaichean tha gun deadh prìs stampa aig an dàrna ìre an-àirde còrr is 50% - sin a' dol bho 36sg gu 55sg. Tha dragh air cuid de Bhuill-Phàrlamaid gun toireadh na h-atharraichean seo droch bhuaidh air an t-seirbheis.

Baile a' Ghobhainn

Tha poilis ann an sgìre Bhaile a' Ghobhainn ann an Glaschu a' rannsachadh bàis fhireannaich san sgìre. Chaidh an corp a lorg tràth madainn an-diugh air Sràid Elderpark. Chan eil fhios aig an ìre seo dè dh'adhbhraich bàs an duine, ach tha poilis ag ràdh gu bheil iad amharasach mu chùisean agus gun gabh rannsachadh bàis àite.

Tinneas an t-Siùcair

Tha na mìltean dhaoine a' bàsachadh le tinneas an t-siùcair 's gun deagh adhbhar ann air a shon. Sin na fhuair rannsachadh ùr bhon NHS ann an Sasainn. A' bhòn-uiridh, bhàsaich còrr is 8,500 duine ann an Alba le tinneas an t-siùcair. Tha an rannsachadh cuideachd a' sealltainn gu bheil boireannaich òga a tha a' fulang le tinneas an t-siùcair gu math nas buailtiche bàs fhaighinn na daoine òga a tha a' fulang le tinneas sam bith eile.

A82

Criomag fiosrachaidh dhuibh a-niste:

Tha am pìos-rathaid air an A82, faisg air Aiseag a' Chorainn, a bha dùinte a' chuid mhòr den mhadainn ri linn droch thubaiste, tha sin a-nis fosgailte.