Ceann-là son feachd phoilis ùir na h-Alba
- Published
image copyrightOther
Tòisichidh feachd ùr phoilis na h-Alba, a bhios ag obair mar aon fheachd a-mhàin, sa Ghiblean.
Bidh na prìomh oifisean steidhichte a' chiad ghreis aig colaiste Phoileas na h-Alba ann am Fìofa.
Bidh am feachd seo a' dol an àite nan 8 feachdan a th' ann an-dràsta.
A thuilleadh air sin, tha atharrachadh ann an cruth structar sheirbheisean smàlaidh a' ciallach gum bi feachd-smàlaidh ùr, nàiseanta ga stèidheachadh ann am Peairt.