Dùil ri fios mu ionadan MOD an Loch Aillse is Ratharsair

  • Air fhoillseachadh
Ionad an MODTùs an deilbh, bbc
Fo-thiotal an deilbh,
Tha cha mhor 100 neach ag obair aca eadar trì làraichean - air a' Chomraich, Eilean Rònaigh agus anns a' Chaol.

Thig fios a dh'aithghearr mu dè tha an dàn do dh'ionadan an MOD ann an Loch Aillse agus Ratharsair.

Bha Ministear an Dìon, Philip Hammond a' bruidhinn agus Ball-Pàrlamaid na sgìre Teàrlach Ceanadach a' sireadh ghealltanais bhuaithe gum bi na h-ionadan fosgailte san àm ri teachd.

Chaidh ionad Bhutec anns a' Chaol a stèidheachadh anns na 1970an airson deuchainnean a dhèanamh air armachd bhàtaichean aigeinn.

Tha an t-ionad air a ruith le QinetiQ às leth Ministrealachd an Dìon.

Tha cha-mhòr 100 neach ag obair aca eadar trì làraichean - air a' Chomraich, Eilean Rònaigh agus anns a' Chaol.

Iomairt làidir

B'fheudar dhan Riaghaltas Làbarach stad a chur air am planaichean airson 20 cosnadh a ghearradh as dèidh iomairt làidir sa choimhearsnachd bho chionn trì blaidhna.

Ach tha Riaghaltas na Co-bhanntachd an-dràsta a' dèanamh sgrùdaidh air na h-ionadan aca ann am Breatainn.

Tha Ball-Pàrlamaid na sgìre, Teàrlach Ceanadach a-nis a' sireadh ghealltanais on riaghaltas gum bi na h-ionadan fosgailte san am ri teachd - mar a fhuair muinntir Uibhist as t-Samhradh an-uiridh.

Thuirt Ministear an Dìon, Philip Hammond gu bheil e an dòchas fiosrachadh a thoirt seachad air suidheachadh nan ionadan ann an ùine nach bi fada.

Tha a' choimhearsnachd gu h-aona-ghuthach dhen bheachd gur e buille mòr a bhiodh ann nan tigeadh atharrachadh sam bith air obair nan ionadan san sgìre.

Timcheall a' BhBC