Trèana
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Draghan mu sheirbheisean rèile sa cheann a tuath

22 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chan eil lìonradh na rèile tuath air Peairt math gu leòr, a-rèir rannsachaidh a chaidh a dhèanamh le Seòmraichean Malairt na h-Alba.

Tha a' bhuidheann a' cur impidh air an Riaghaltas piseach a thoirt air na ceangalaichean eadar ceann a Tuath na duthcha 's an còrr de dh'Alba.

Tha iad a' moladh am measg eile gum bu chòir coimhead ri stèiseanan a dhùnadh mura bheilear gan cleachdadh ach glè ainneamh.