Riaghaltas air ath-chuinge mu aiseag Mhalaig a dhùnadh
- Air fhoillseachadh
Dhùin Comataidh a' Bhun-structair agus an Airgid Chalpa aig Pàrlamaid na h-Alba ath-chuinge bho Stòras Uibhist a bha ag iarraidh seirbheis aiseig eadar Loch Baghasdal is Malaig an àite dhan Òban.
An àite an ath-chuinge a thoirt càil nas fhaide, mhol iad dhan luchd-iomairt ann an Uibhist na gearainnean agus na h-iarrtasan aca a chur an cèill tron ath-sgrùdadh a tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh mar thà air seirbheisean aiseig na dùthcha, ma tha iad airson sin a dhèanamh.
Tha an iomairt gus seirbheis aiseig fhaighinn gu Malaig connspaideach, agus rabhaidhean ann gun dèanadh e cron air croitearachd ann an Uibhist.
Thàinig an rabhadh bho fhear a tha ag obair don chompanaidh United Auctions, a tha gu math cudromach a thaobh a bhith a' giùlain stuic às na h-Eileanan.
Drochaidean Ìosal
Thuirt Dòmhnall Moireasdan nach gabhadh làraidhean stuic toirt taobh Mhalaig.
Teagamhan mu aiseag a Mhalaig
Dh'iarr e air croitearan Uibhist beachdachadh gu cruaidh mus cur iad cùl ri seirbheis chunbhalaich don Òban.
Tha iomairt air a bhith a' dol o chionn fhada seirbheis aiseig fhaighinn eadar Uibhist a Deas agus Malaig, seach chun an Òbain.
Beachdaichidh Comataidh a' Bhun-structair 's an Airgid Chalpa aig Pàrlamaid na h-Alba air iarrtas bhon uachdaran coimhearsnachd Stòras Uibhist airson aiseag a chur air slighe Mhalaig, madainn Diciadain.
"Tha na flòtaichean againne a' toirt air falbh an stuic an-dràsta gu ruige an Òbain," thuirt Mgr Moireasdan.
"Na flòtaichean a tha sinn ag uisneachadh airson a' phrìs a chumail cothromach dha na daoine a tha gan ceannach.
"Chan urrainn dhaibh sin falbh gu ruige Malaig, oir tha trì drochaidean rèile eadar Malaig agus an Gearasdan a tha fada ro ìosal airson na flòtaichean sin a dhol fomhpa.
"Cha b'urrainn dhuinn an uair sin a bhith a' giùlain an stuic a-mach à Loch Baghasdail gu ruige tìr-mòr aig a' phrìs a th' ann an-dràsta.
"Airson a bhith gu math fìrinneach mun cuairt air a h-uile sian a th' ann, 's e mo bheachd-sa, ma 's e 's nach bi bàta a' ruith eadar Loch Baghasdail 's an t-Òban, aig àm nan sèilichean againn anns a' chiad dol a-mach, chan eil sian de reusan a bhith a' ruith sèilichean ann an Loch Baghasdail. Tha e cho cugallach sin," thuirt e.
Chan eil an fheadhainn a tha ag iarraidh aiseig a Mhalaig ag aontachadh ris an argamaid sin ge-tà.
"Chan eil ann ach còig trupan sa bhliadhna a tha sinn a' bruidhinn air airson an stoc sin fhaighinn air falbh," thuirt Cathraiche Margaidh Sprèidh Loch Bhaghasdail, Raghnall MacFhionnghain.
"Nuair a bhios na sèilichean againn, tha iad ann Diardaoin 's Dihaoine. 'S mar as trice tha iad a' falbh Dihaoine.
"An oidhche a tha sin chan eil bàt-aiseig againn, 's feumaidh am bàt-aiseig a tha a' dol a Bharraigh tighinn a dh'Uibhist son na beathaichean a thoirt air falbh.
"Chan eil mise a' faicinn gum biodh dragh sam bith an sin airson beathaichean fhaighinn air falbh.
"Tha tòrr de dhaoine eile ann an Uibhist cuideachd, agus 's e sin an t-seirbheis a tha iad ag iarraidh.
"Chan eil seirbheis againn an-dràsta.
"An rud as cunnartaiche, dh'fhaodadh nach bi seirbheis idir idir againn.
"Sin an t-eagal a th' oirnn, 's tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh cinnteach gum bi seirbheis againn a-mach à Loch Baghasdail," thuirt e.
Cumar coinneamh phoblach ann an Uibhist air a' chùis oidhche Haoine.