Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

22 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha luchd-iomairt ann an Siria ag ràdh gun deach dithis luchd-naidheachd às na dùthchannan an iar a mharbhadh nuair a loisg feachdan an riaghaltais sligean air sgìre de bhaile Homs. Thuirt telebhisean Al-Arabiya gun robh an dithis ann an ionad dha na meadhanan ann an sgìre Baba Amr nuair a chaidh losgadh air an ionad. Chaidh aithris cuideachd gu bheil dealbhan bhiodeo ann den ionnsaigh.

Aiseag Mhalaig

Tha fear a tha an sàs ann a bhith a' reic bheathaichean anns an Òban a' cur theagamhan mòra ann an seirbheis aiseig eadar Loch Baghasdal is Malaig. Beachdaichidh buill de Chomataidh a' Bhun-Structair agus an Airgid Chalpa aig Pàrlamaid na h-Alba dìreach an-dràsta fhèin air ath-chuinge bho chuid ann an Uibhist a tha ag iarriadh na seirbheis. Ach thuirt Dòmhnall Moireasdan bhon chompanaidh United Auctions gun dèanadh aiseag a Mhalaig cron air croitearachd leis nach gabhadh làraidhean mòra stuic siubhal air an rathad à Malaig. Ach tha cathraiche Margaidh Sprèidh Loch Baghasdail, Raghnall MacFhionnghain, ag ràdh gun gabhadh fhathast aiseag ruith eadar Loch Baghasdail agus an t-Òban aig amannan reic stuic.

Àird nam Murchan

Tha riochdairean coimhearsnachd à sgìre Àird nam Murchan a' coinneachadh ri Ministear na Slàinte Nicola Sturgeon nas fhaide air adhart an-diugh agus iad iomagaineach mu sheirbheis mhedigeach 24 uairean anns an là dhan sgìre. Tha dragh air mòran mu lùghdachadh anns an t-seirbheis agus an carbad-eiridinn as fhaisge air cuid anns an àite suas ri 30 mìle air falbh.

Afganastan

Tha na h-ùghdarrasan ag ràdh gun do loisg na poilis air triùir 's gun deach am marbhadh. Bha iad a' togail fianais an aghaidh leabhraichean Ioslamach a bhith air an losgadh aig ionad NATO faisg air Kabul. Dh'iarr luchd-oifigeil nan Stàitean Aonaichte leisgeul an-dè airson na thachair.

An Tinneas Busach

Tha an àireamh de dh'oileanaich aig Oilthigh Ghlaschu air a bheil an tinneas busach air èirigh gu 37 duine. Tha na h-oileanaich, eadar 18 is 22, uile a' dèanamh chùrsaichean eadar-dhealaichte agus a' còmhnaidh ann an àiteachan eadar-dhealaichte. Tha Bòrd Slàinte Bhaile Ghlaschu a-nis ag iarraidh air oileranaich anns a' bhaile fios a chur chun an dotair teaghlaich aca mur a d'fhuair iad dà bhanachdach MMR ron a seo.