Linn ùr aig Ceann a' Ghiuthsaich

Ceann a' Ghiuthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh.
Image caption Chaill Ceann a' Ghiuthsaich ann an cuairt deireannach Chupa na Camanachd an-uiridh.

Thuirt manaidsear ùr Chinn a' Ghiuthsaich gu bheil dùil aige ri seusan doirbh san lìog is an sgioba air atharrachadh gu mòr bho chionn ghoirid.

'S e seo a' chiad sheusan a bhios aig Russell Jones aig stiùir a' chluba.

Ron a seo bha e a' cur taic ri seann mhanaidsear Chinn a' Ghiuthsaich, Stevie Borthwick.

Thòisich atharrachadh a' tighinn air an sgioba nuair a bha Borthwick fhèin aig an stiùir, agus cuid mhath de na gaisgich a chuir Ceann a' Ghiuthsaich aig mullach na spòrs fad bhliadhnaichean a' sguir a chluich.

A dh'aindeoin sin chaidh aig Borthwick air a' chluba a chumail aig ìre àrd le measgachadh de na seann chluicheadaran agus balaich òga sgileil.

Thog an sgioba Cupa MhicThàmhais an-uiridh is thàinig iad glè fhaisg air an duais as motha san spòrs a bhuannachadh air ais cuideachd, a' call 4-3 an aghaidh nan nàbaidhean aca Baile Ùr an t-Slèibh ann an geama sònraichte ann an cuairt deireannach Chupa na Camanachd.

Doirbh

A rèir Russell Jones bidh e doirbh sin a chumail a' dol.

"Feumaidh sinn aideachadh nach bi cùisean furasta dhuinn am bliadhna, no gu dearbh anns na beagan bhliadhnaichean a tha a' tighinn", thuirt e.

"Tha an sgioba ag atharrachadh an-drasta le balaich òga a' tighinn troimhe.

"Tha iad math - ach bidh iad feumach air beagan ùine gus an ruig iad àird an comasan".

Thuirt Mgr Jones ge-tà gu bheil e an urra ris an fheadhainn òga iad fhèin dearbhadh gu bheil iad math gu leòr.

"Chan fhaigh duine àite san sgioba againn mura h-eil iad ag obair cruaidh agus a' sealltainn gu bheil iad aig ìre", thuirt e.

Prìomh Lìog

Chan eil teagamh nach eil coltas doirbh dha-rìreabh air a' Phrìomh Lìog am bliadhna, no an 'Orion Group Premiership' mar a bhios air a-nis.

Tha na sgiobaidhean a thàinig an àird, Ceann Loch Seile agus Eilean Bhòid, a' coimhead nas fheàrr na an fheadhainn a chaidh sìos an-uiridh.

Bha Gleann Urchaidh gu sònraichte truagh is iad a' dol sìos gun phùing a choisinn.

Tha e doirbh fhaicinn gum bi sgioba faisg air cho lag ann an lìog na bliadhna-sa.

"Bidh an lìog cianail doirbh am bliadhna - tha na sgiobaidhean air fad math a-nise", thuirt Russell Jones.

'"S e an targaid dhuinn a bhith togail phuingean san lìog, a bhith beagan nas fheàrr san fharpais ud na bha sinn an-uiridh.

"A thuilleadh air a sin feumaidh sinn a bhith ag amas air na cupan a-rithist - sin far am bi an cothrom as fheàrr againn air soirbheachas", thuirt e.

Taic

Fhuair Jones taic cuideachd bhon fhear a bha san dreuchd cheanna.

"Tha Russell gu mòr airson soirbheachadh agus bheir sin buaidh air na cluicheadaran", thuirt an seann mhanaidsear, Stevie Borthwick.

"Ma tha na cluicheadaran as fheàrr slàn fallain tron t-seusain air fad cò aig a tha fios dè dh'fhaodadh tachairt", thuirt e.

Tòisichidh seusan ùr na h-iomain air an 3mh là den Mhàirt.

Bidh a' chiadh gheama aig Ceann a' Ghiuthsaich fhèin air falbh an aghaidh Chinn Loch Seile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile