Cùmhnant son Caisteal Leòdhais a dhèanamh dìonach

Published

Tha companaidh às Èirinn, Patton Eta. air cùmhnant luach £2m fhaighinn airson leasachadh a dhèanamh air Caisteal Leòdhais ann an Steòrnabhagh.

Thig an t-airgead bho Chomhairle nan Eilean Siar, Alba Aosmhor agus an Crannchur Nàiseanta.

Thèid taobh a-muigh an togalaich a dhèanamh tèarainnte, mus tèid tairgsean iarraidh airson cùmhnant nas motha airson an togalach a leasachadh gu àrd-ìre.

Thathas an dùil taigh-òsta agus taigh-tasgaidh a chur am broinn an t-seann togalaich, a th' air a bhith ann an droch staid o chionn fhada.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh