Dh'fhailich oidhirp cur às do dh'àrdachadh faraidhean

Làraidhean a' dol air bòrd bàt-aiseig Image copyright bbc
Image caption Fo na planaichean a th' ann, thigeadh RET do làraidhean gu crìch deireadh na h-ath-mhìos.

Cha deach le gluasad a rinn buill Làbaraich ann am Pàrlamaid na h-Alba airson cur às do dh'àrdachadh air faraidhean bathair air na h-aiseagan.

An àite àrdachaidh bha na Làbaraich airson 's gun deadh rannsachadh a dhèanamh air a' bhuaidh eaconamaich a dh'fhaodadh a bhith aig an leithid de dh'àrdachadh.

Tha RET air a bhith ri fhaotainn bho 2008 air aiseagan nan Eilean Siar, Cholla agus Tiriodh.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar agus Buidheann Chòmhdhail Innse Ghall taic ris a' ghluasad.

Bha iadsan ag ràdh gun deadh cosgaisean siubhail suas 172%, ach tha an Riaghaltas air gealltannas a thoirt nach deadh iad an-àirde còrr air 50% taobh a-staigh bliadhna.

Fo phlanaichean an Riaghaltais Albannaich thèid RET a thoirt air falbh aig deireadh na h-ath-mhìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile