Taic Uibhisteach ga h-iarraidh airson seirbheis aiseig
- Published
Chuir Cathraiche Stòras Uibhist ìmpidh air muinntir Uibhist am beachdan air seirbheis aiseig eadar Malaig agus Loch Baghasdail a dhèanamh follaiseach às dèidh do chomataidh aig Pàrlamaid na h-Alba athchuinge air a' chùis a dhùnadh.
Dh'iarr Comataidh a' Bhun-structair 's an Airgid Chalpa air luchd-iomairt a' chùis a thogail mar phàirt den ath-sgrùdadh a tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh air na seirbheisean aiseig, seach an athchuinge a thoirt càil nas fhaide.
Bidh coinneamh phoblach mun chuspair ann an Talla Dhalabroig ann an Uibhist Dihaoine.
"Chan e briseadh dùil a th' ann idir," thuirt Aonghas MacIlleMhaoil.
"Bha Comataidh nan Athchuingean, nuair a chruinnich iad, agus nuair a thug sinne fiosrachadh thuca gu math làidir a thaobh an rud a bha sinn ag ràdh.
"Tha sinn den aon bheachd fhathast, agus tha e a-nis air a dhol gu Ath-sgrùdadh nan Aiseagan.
"An rud a tha sin ag innse dhomhsa, 's e gum feum muinntir Uibhist, ma tha iad ag iarraidh aiseig eadar Loch Baghasdail agus Malaig, tionndadh a-mach oidhche H-aoine agus taic a thoirt don iomairt a tha sin," thuirt e.