Ceist chànain an Referendum
- Air fhoillseachadh

Tha iomairt air tòiseachadh airson 's gun nochd ceist an Referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba anns a' Ghàidhlig, a thuilleadh air a' Bheurla.
Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach eil dùil aca a' cheist a chur ach sa Bheurla a-mhàin.
Tha dùil gum bi an Referendum ann as t-Fhoghair 2014.
Tha Fionnlagh MacLeòid, a th' air cùlaibh na h-iomairt, ag ràdh gur ann mu dheidhinn bun-reachd na dùthcha a tha ceist a' chànain.
Dleastanas
"Tha a' cheist air a togail cho tric mu dheidhinn follaiseachd na Gàidhlig. Nach e seo aon rud a bhiodh ann a thaobh a bhith a' dol a-steach dhan a h-uile taigh?" thuirt e.
"Agus ma tha a' Ghàidhlig gu bhith ann an teas meadhain rud sam bith a thaobh Alba, nach bu chòir dhi a bhith an seo?
"Shaoileadh tu an àite a bhith a' faighneachd na ceiste "carson a bu chòir dhi?" 's i a' cheist a th' air tòrr againn "carson nach bu chòir?
"Tha seo ann a thaobh an cànan a bhith air a togail a thaobh Alba gu lèir, gu bheil i mar phàirt de dh'Alba, agus carson nach bitheadh?
"Tha i anns a' Chuimrigh, agus tha i ann an dùthchannan eile. Dè a tha cho annasach mu deidhinn?" thuirt e.
Chuir an iomairt iarrtas foirmeil chun an Riaghaltais.
Ann an teachdaireachd don BhBC thuirt neach-labhairt às leth an Riaghaltais nach robh planaichean sam bith aca ceist Ghàidhlig a chur san Referendum, ach gu bheil iad deònach cuid den fhiosrachadh a bhios na chois a sgaoileadh sa chànan.
Cha riaraich sin muinntir na h-iomairt ge-tà, agus iad ag ràdh nach eil iad ag iarraidh ach rud a bhiodh ann gu h-àbhaisteach ann an dùthchannan eile.
"Thàinig a' chùis am bàrr dar a bha mi a' bruidhinn ri caraid à Canada, agus 's ann air an Referendum ann an Quebec ann an 1995 a bha i," thuirt Alasdair Mearns.
"Agus tha Fraingis aig an duine seo a bharrachd air a' Ghàidhlig, agus bha e a' cantainn gun robh blas car diofraichte air a' cheist ann am Beurla, agus ann an Gàidhlig.
"Agus an uair sin thàinig e a-steach orm nach robh guth sam bith ann a thaobh ceist a bhith a's Gàidhlig, dìreach a' Bheurla.
"'S i beul a labhras ach 's e gnìomh a dhearbhas, so carson nach bu chòir don Ghàidhlig a bhith ann an ceist cho cudromach mar a tha an Referendum?
"Chan i ceist eile a th' ann, ach dìreach an aon cheist a's Gàidhlig.
"Bu chòir Gàidhlig a bhith a' faighinn làthaireachd san là an-diugh mar a tha i ann an soidhnichean-rathaid, ann am foghlam agus eile.
"Bu chaomh leam Gàidhlig fhaicinn anns a h-uile taobh de bheatha san là an-diugh, agus tha ceist an Referendum na pàirt dheth sin," thuirt e.
Sgrìobh Iain Mac a' Phàrlainn, à Taigh an Uillt, gu Mìcheal Russell, agus gu Ministear na Gàidhlig Alasdair Allan, ag iarraidh orra beachdachadh air a' chùis, agus e ag ràdh gu bheil dleastanas air a' phàrtaidh aca leithid de rud a chur air adhart.
"'S e Riaghaltas Nàiseantach a th' againn an seo, agus bha mise a' smaoineachdainn gum biodh iad a' cur taic ris a' Ghàidhlig," thuirt e.
"Tha fhios agam gu bheil Achd na Gàidhlig ann agus rudan mar sin.
"Tha mise dìreach a' smaoineachdainn, ged a tha iad nan Nàiseantaich, chan eil smachd aca fhathast air mar a tha na Gàidheil a' smaoineachdainn mu dheidhinn a' chànain aca fhèin," thuirt e.
Chan eil e soilleir aig an ìre seo dè dìreach na facail a bhios anns a' cheist, co-dhiù an ann sa Bheurla no sa Ghàidhlig a bhios i.