Casg-rèic na h-adaige ga thogail

Bàt-iasgaich Image copyright bbc
Image caption Thèid an casg a thogail sa bhad, airson sia mìosan

Tha Coimiseanair Iasgaich an Aonaidh Eòrpaich air iarraidh gun tèid cur às do chasg-reic na h-adaige ann an Alba airson sia mìosan.

Fon chasg, a chaidh a chur ann an àite airson stoc an èisg a dhìon, dh'fheumadh iasgairean a' chosta an iar adag a chur air ais don mhuir, ged a bhiodh i marbh.

Thèid an casg a thogail sa bhad, agus thuirt an Coimiseanair, Maria Damanaki, gun robh suidheachadh na h-adaige, a bha uair gu math truagh, air atharrachadh gu tur anns na trì bliadhna mu dheireadh.

Bha na riaghailtean a' fàgail gum feumadh iasgairean iasg a chur air ais don mhuir ged nach robh iad air an cuòta aca a ruighinn.

Chan fhaodadh ach tomhais de dh'adaig a bhith mar phàirt de na ghlacadh bàta gu lèir.