Cha chuir an Riaghaltas às do dh'aiseig Armadail.
- Published
Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn nach cuir iad às don t-seirbheis aiseig eadar Malaig agus Armadal.
Nochd draghan an dèidh mar a thuirt aithisg nach robh Còmhdhail na h-Alba den bheachd gur i seirbheis riatanach a bh' ann do mhuinntir na sgìre.
Bha an aithisg mar phàirt de dh'Ath-sgrùdadh nan Aiseagan a tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh an-dràsta.
Thuirt Rùnaire a' Bhun-structair 's an Ionmhais, Ailig Neil, nach robh cunnart sam bith ann gun deadh stad a chur air an t-seirbheis.
Gheall e gun deadh na h-aon fharaidhean agus an aon ìre de sheirbheis a thabhainn nuair a dheadh an cùmhnant ùrachadh.
Thuirt e cuideachd gun deadh RET a chur air an t-slighe ro dheireadh na Pàrlamaid seo.
Bha e a' bruidhinn 's e a' coinneachadh ri BPA na sgìre, Dàibhidh MacThòmais.
Cuideachd, dh'aontaich Mgr Neil coinneamh a chur air dòigh eadar Rùnaire na Còmhdhail, Cè Brown, agus muinntir Àird nam Murchan, mu na tha san amharc don aiseag eadar Cille Chomhghainn agus Tobair Mhoire.
Thuirt e cuideachd gun cuireadh e coinneamh air dòigh ri muinntir nan Eileanan Beaga, airson bruidhinn mu phlanaichean airson an t-seirbheis làitheil aca a ghearradh gu aon uair san t-seachdain.