Fàire air na falaisgearan

An Liathach Image copyright Other
Image caption Chaidh tòrr fearrainn a mhilleadh an-uiridh le falaisgearan

Tha uachdarain bho air feadh na h-Alba a' deisealachadh son teintean falaisg tro na mìosan a tha romhainn.

Thuirt a' bhuidhean Fearann agus Oighreachdan na h-Alba, a tha a' riochdachadh 2,500 oighreachd gun deach sgrios uabhasach a' dhèanamh air talamh na dùthcha an-uiridh 's tha iad air fiosrachadh fhoillseachadh air ciamar is urrainn dèiligeadh ri teintean nuair a thachras iad.

Tha buidhnean poblach agus prìobhaideach a tha an sàs ann a bhith a' coimhead às deidh bheathaichean fiadhaich agus bheathaichean a tha air an àrach air oighreachdan, a' dol a dh'obair còmhla son smachd fhaighinn air falaisgearan.

Thathas a' dèanamh a-mach gun do chosg oighreachdan còrr is £1m an-uiridh ann a bhith a' cur às do na falaisgearan, le bhith a' cleachdadh luchd-obrach a tha eòlach air a leithid, heileacoptairean a' giùlain uisge, agus uidheamachd shònraichte eile.

Falaisg

Chaidh na goireasan sin a chur gu feum air oighreachdan prìobhaideach is poblach 's tha a' bhuidheann Fearran is Oighreachdan na h-Alba son an aon sheòrsa siostam a chur air dòigh am bliadhna.

"Anns an rannsachadh a rinn sinn thàinig e am follais gu bheil daoine deònach obrachadh còmhla 's gu bheil e gu maith a h-uile duine ma tha sinn ann an co-bhuinn air a leithid," thuirt manaidsear na Gàidhealtachd son na buidhne, Drew McFarlane Slack.

As t-Earrach an-uiridh bha teintean monaidh mòra ann an Inbhir Chircaig, Loch Àileart, agus san t-Sàilean 's chaidh luchd-smàlaidh na Gàidhealtachd a ghairm gu 76 teintean far an deach 10,000 hectare de thalamh a losgadh, nam measg àitean glèidhte, tuathanasan agus coilltean.

Chaidh pìosan mòra a sgrios air sgàth 's nach robh luchd-obrach agus uidheamachd gu leòr ann sabaid an aghaidh nan teintean.

Thuirt Ceannard Seirbheis Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Trevor Johnson, gun robh e a' cur taic ris an iomairt aig Fearrann is Oighreachdan na h-Alba 's gun toir e fiosrachadh do dhaoine ma tha iad aineolach a thaobh teintean monaidh 's na bu chòir dhaibh a dhèanamh ma thachras a leithid.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile