Goireasan ùra do dh' Ospadal an Naoimh Bhrianain

Ospadal an Naoimh Bhrianain
Image caption Tha an t-ospadal air a bhith feumach air leasachadh son iomadach bliadhna

Tha dòchas aig Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gum bi aithisg deiseil aca aig deireadh a' Mhàirt, a' toirt seachad 8 roghainnean airson goireas slàinte is cùram ùr air làraich Ospadal an Naoimh Bhrianain ann am Barraigh.

Tha feum mhòr air a leithid de ghoireas agus an t-ospadal a th'ann air fàs sean, agus feumach air ath-leasachadh.

Thuirt Àrd-oifigear a' Bhùird, Gòrdan MacSheumais, gun robh luchd-rannsachaidh a' coimhead ri 8 roghainnean agus gun robh dùil aca ri aithisg ro dheireadh a' Mhàirt.

Ionmhas

Tha am bòrd ag obair ann an co-bhanntachd ri Comhairle nan Eilean Siar airson a' phròiseact a thoirt air adhart 's tha iad a' dèanamh rannsachaidh air fearann faisg air làimh gun fhios nach fheum iad an làrach a dhèanamh nas motha.

Tha an Riaghltas air £500,000 a ghealltainn mu choinneamh na pròiseict sa bhliadhna ionmhais a tha a' tighinn agus £2.4m sa bhliadhna às dèidh sin.

Ach thuirt Mgr MacSheumais gu feumadh iad barrachd airgid air a sin, ged nach toireadh e beachd seachad air an àireamh sin.

Tha Mgr MacSheumais airson cabhaig a chur air a' phròiseict airson a crìochnachadh cho luath sa ghabhas.

Thuirt e gur e briseadh dùil mòr a bhiodh ann mura bi an goireas air a thogail agus euslaintich ga chleachdadh taobh a-staigh 5 bliadhna.