Obair a' leantainn air an A890

  • Air fhoillseachadh
Rathad an Sròim
Fo-thiotal an deilbh,
Tha aiseag a-nis a' frithealadh na slighe

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh nach eil fios aca fhathast cùin a dh'fhosglas an A890 eadar Loch Carrann agus Caol Loch Aillse às dèidh dha a bhith dùinte bho dheireadh na bliadhna an uiridh.

Chaidh an rathad a dhùnadh beagan làithean ron Nollaig air adhbharan sàbhailteachd às dèidh sreath de mhaoimean-slèibhe.

Bha dùil gun deadh an rathad fhosgladh às ùr Diluain ach chaidh sin a chuir dheth air sgàth 's gu bheil droch aimsir air maille a chur air an obair-càraidh.

Aiseagan

Tha aiseag air a bhith a' frithealadh na slighe bhon Fhaoilleach agus tha oidhirpean a' dol an dràsta airson bàt'-aiseig eile a lorg a thèid an àite an tè a th' ann an dràsta nuair a thig an cùmhnant sin gu crìch an ceann cealla-deug eile.

Thuirt Cathraiche Sheirbheisean Teicnigeach na Comhairle, an Comh. Iain Laing, gu bheil iad a' dèanamh nas urrainn dhaibh airson dòighean còmhdhail a chumail ri muinntir na sgìre.

Tha iad ann an còmhraidhean le Network Rail, thuirt e, feuch an gabh an loidhne-rèile a chleachdadh mar rathad.

Gheall Ministear na Còmhdhail, Cè Mac Illedhuinn, gun deadh e gu Loch Carann air an ath-mhìos a dh'fhaicinn dha fhèin a' bhuaidh a tha dùnadh an rathaid a' toirt air a' choimhearsnachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh