Rannsachadh chosgaisean làitheil air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
An rathad gu Ceann Loch IùTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Bheir an sgrùdadh sùil air sgìrean iomallach air feadh Bhreatainn

Tòisichidh rannsachadh oifigeil Dimàirt air na cosgaisean làitheil a tha an luib a bhith a' fuireach air Ghàidhealtachd.

Tha Oifis na Malairt Cothromaiche (OFT) gus coimhead air na prìsean a tha a' bualadh air daoine sa cheann a tuath.

Bheir iad sùil air cosgaisean connaidh agus lìbhrigidh, agus na h-adhbharan a tha a' fàgail phrìsean àrda aig daoine ri phàigheadh airson sheirbheisean.

Thuirt an OFT gu bheil iad airson tuigse fhaighinn air an t-suidheachadh air Ghàidhealtachd, agus ann an sgìrean iomallach air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Cumaidh Caidreachas Taobh Siar Rois coinneamh aig 1:00f ann an Talla Chinn Loch Iù, far an cluinn an OFT beachdan dhaoine air a' chùis.

Thèid làn-aithisg ullachadh air a' chùis as dèidh an rannsachaidh.

Tha cumhachd aig an OFT peanasan a chur air companaidhean a tha a' briseadh laghan farpais ma gheibh iad gu bheil an leithid sin a' dol.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh