Velkommen Til Catanesi

Soidhne Image copyright bbc
Image caption Tha ceudan de bhliadhnaichean bho bha Lochlannais ga bruidhinn ann an Gallaibh

Cha do nochd muinntir Ghallaibh fàilte mhòr sam bith do shoidhnichean rathaid anns a' Ghàidhlig nuair a chaidh am moladh o chionn ghoirid.

Tha an sgìre air aithneachadh airson a dualchais Lochlannaich, nas motha na tha i airson na bha de Ghàidhlig ga bruidhinn ann gu h-eachdraidheil.

Ann an cuid mhòr de Ghallaibh, tha na h-ainmean àite air tighinn bho sheann chànan nan Lochlannach, a thuinnich san sgìre agus ann an Arcaibh is Sealtainn, mun 9mh Linn AD.

Tha iad an-diugh air an riochdachadh anns a' Bheurla, agus tha moladh a-nis ann sin atharrachadh rud beag.

Taghadh Comhairle

Fhuair an t-Seann Lochlannais bàs san 19mh Linn ann an eileanan iomallach ann an Sealtainn.

Thuit i na tost fada ron a sin ann an Gallaibh ge-tà.

Tha fear òg a tha gus seasamh dhan SNP ann an taghadh Chomhairle na Gàidhealtachd san sgìre, airson soidhnichean a chur suas san sgìre, a dh'innseas ainmean àite anns an t-Seann Lochlannais, a thuilleadh air a' Bheurla.

Tha Ailig MacLeòid - a bhruidhneas Gàidhlig - airson an t-Seann Lochlannais a thoirt am bàrr anns an taghadh a tha romhainn anns a' Chèitean.

"Tha an SNP ag iarraidh coimhead air dòighean sam faodadh daoine ann an Gallaibh comharrachadh Lochlannais agus an fhèin-aithne a tha sin," thuirt e.

"Tha sin a' dol còmhla ris an fhèin-aithne Ghàidhlig a tha san sgìre, agus tha mi a' smaoineachadh gum faodadh an dà chànan - aon a tha beò agus aon nach eil beò, obrachadh còmhla ri chèile.

"'S e deasbad a tha seo airson a h-uile duine ann an Gallaibh.

"Feumaidh sinn coimhead air iomadh dòigh anns a bheil sinn a' cuimhneachadh a' chànain Lochlannais san sgìre agus a' chànan Gàidhlig.

"Tha mi gu math toilichte gu bheil sinn a' tòiseachadh leis an deasbad an seo a-nis. Tha sin a' glusad a' chultair ann an seo air adhart," thuirt e.

Chan eil a h-uile duine san sgìre ag aontachadh ris ge-tà, agus dithis chomhairliche a bhruidhinn a-mach gu làidir an aghaidh shoidhnichean sa Ghàidhlig - John Rosie agus David Flear - ag ràdh nach eil ann ach "gòraiche," agus "cosg airgid gun fheum."

Tha gu leòr den bheachd, le eaconamaidh Ghallaibh ìosal, gu bheil rudan nas practaigiche agus nas cudromaiche na ceist a' chultair air am beulaibh ann an taghadh.

Tha Mgr MacLeòid, agus an Comh. Gail Ross às Inbhir Ùige ge-tà, den bheachd gur e rud brìghmhor a th' ann a bhith a' tòiseachadh deasbaid fhosgailte mun dòigh sa bheil Gallaibh a' dèiligeadh ri seann dualchas san là a th' ann.

"Faodaidh daoine sin a ràdh, (gur e gòraiche a th' ann) ach tha mise a' smaoineachadh gur e seo deasbad feumail airson daoine ann an Gallaibh, a' smaoineachadh mu dheidhinn dè mar a tha iad a' cuimhneachadh an dà chultair ann an seo. Chan eil sin gòrach idir idir. Tha sin feumail airson a h-uile sgìre de dh'Alba," thuirt e.