Gearran Blàth

  • Air fhoillseachadh
Blàth SiristeTùs an deilbh, bbc
Fo-thiotal an deilbh,
Tha lusan fo bhlàth nas tràithe am bliadhna na is àbhaist

Tha dìtheanan fo bhlàth air craobhan agus lusan nas tràithe na 's àbhaist am bliadhna.

Tha rannsachadh saidheans ùr, a rinn Oilthigh Dhùn Èideann, den bheachd gur e cho blàth 's a bha am Foghair an-uiridh as coireach.

Tha an rannsachadh air sealltainn mar a tha blàths a' toirt buaidh air mar a tha lusan is eile a' fàs.

Tha mar a tha an aimsir nas blàithe san fhionnaraidh tron Fhoghair a' toirt air lusan agus craobhan tighinn fo bhlàth nas luaithe, agus measan a dhèanamh mus bi iad deiseil fàs.

Tart

Tha luchd-saidheans ag ràdh gun cuidich an rannsachadh iad le bhith a' cruthachadh lusan ùra a bhios a' dèiligeadh nas fheàrr le atharrachadh na sìde.

"Feumaidh planntraisean beagan mathachaidh san talamh, no uisge, agus blàths is solas là," thuirt an t-eòlaiche gàirnealaireachd, Calina Dhòmhnallach.

"Tha sinn air mothachadh o chionn fhada, mar as blàithe a tha an aimsir, 's ann as fheàrr a tha na planntraisean a' fàs.

"Ach tha seo a' toirt rudan beagan air adhart. Tha iad mar thà ag obair air mar a chanas iad "hybridisation."

"'S e a tha sin ach a bhith ag obair air diofar phlanntraisean, agus a' cur beagan de dh'aon phlanntrais anns a' phlanntrais eile, airson 's dòcha gum biodh e agad na bu thràithe, agus 's dòcha gum biodh na cinn na bu mhotha.

"Ma tha an aimsir a' dol a dh'atharrachadh, tha sin a' dol a thoirt buaidh air an t-seòrsa bìdh as urrainnear fàs.

"Mar thà ann an ceann a deas Shasainn, tha gainnead uisge aca, agus stuth a b'àbhaist dhaibh a bhith a' fàs shìos an sin tha iad air a ghluasad a dh'Alba.

"Tha fios againn gu bheil beagan uisge againn a-bhos an seo, agus cuideachd gu bheil na samhraidhean beagan nas fhionnaire na shìos an Sasainn.

"Tha rudan ann leithid càl nan ceann, 's càl, 's càl collaig 's mar sin, nach urrainn dhaibh fhàs a-niste shìos an ceann a deas Shasainn.

"'S urrainn dhaibh 's dòcha acair no dhà, ach nuair a tha iad airson na ceudan de dh'acraichean fhàs chan urrainn.

"Chan eil iad a' faighinn uiread às an acair.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an rannsachadh a tha seo a' cur nam beachdan a bh' aig daoine ann an clò agus ga dhèanamh saidheansail.

"'S e rud math a tha sin," thuirt i.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh