Seusan ùr na h-iomain air fàire

  • Air fhoillseachadh
Cluicheadaran iomainTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Tha cluicheadaran iomain na dùthcha ag ullachadh son seusain ùir.

Chan eil ach trì mìosan bho chuir Danny MacRath an tadhal a bhuannaich Prìomh Lìog na h-Iomain do Bhaile Ùr an t-Slèibh - ach Disathairne tillidh na sgiobaidhean dhan phàirc son seusain ùir.

Ged a tha ainm ùr - an Orion Group Premiership - air a' Phrìomh Lìog - agus duais ùr (ann an cruth caran àraid) tha dùil gum bi gnothaichean an ìre bha mar a bha an-uiridh aig a' mhullach.

Tha Baile Ùr an t-Slèibh air iad fhèin a stèidheachadh mar an sgioba as làidire san spòrs is iad air am Prìomh Lìog a bhuannachadh dà bhliadhna ann an sreath.

An-uiridh chaidh aca air prìomh dhuais na spòrs, Cupa na Camanachd fhèin, a ghlèidheadh son a' chiad turais bho 1986.

Tha iad làidir is tha am misneachd a' fàs - bidh e doirbh an gluasad bhon mhullach.

Tha na seann nàbaidhean aca, Ceann a' Ghiuthsaich, a' toirt ùrachaidh air an sgioba aca an-dràsta is chan eil dùil gun tèid aca ri farpais a dhèanamh aig mullach na lìge am bliadhna.

Gaisgich

Chan eil coltas ann nas motha gun tèid aig a' Ghearasdan ri ceann a' mhaide a chumail ri Baile Ùr an t-Slèibh, is cuid de na seann ghaisgich acasan air na camain aca a chur an dàrna taobh.

Bidh e neònach sgioba a' Ghearasdain fhaicinn às aonais Sheumais Clark, Iain MacLeòid, Iain Dòmhnallach is Àdhamh Robasdan.

Le Garry Innes cuideachd air innse nach bi cothrom aige fhèin cluich cho tric am bliadhna dh'fhaodadh gum bi gnothaichean car doirbh dhan Ghearasdan.

Tha sin a' fàgail Chaol Bhòid, an sgioba a bha aig mullach a' Phrìomh Lìge an-uiridh gu cha-mhòr an diog mu dheireadh den t-seusan.

Bu chòir gur iad a bheir an dùbhlan as motha do Bhaile Ùr an t-Slèibh is bidh mòran a' crochadh air ciamar a thèid aig an sgioba òg à Taigh na Bruaich air bristeadh-dùil 2011 a chur air an cùlaibh.

Bonn

Aig bonn na lìge tha dùil gum bi cùisean air leth teann.

An-uiridh bha Gleann Urchaidh gu math lag is chaidh iad sìos gun phuing.

Chan eil sgioba idir cho truagh ann am farpais na bliadhna seo le Ceann Loch Seile air àite fhaighinn sa Phrìomh Lìog son a' chiad turais is Eilean Bhòid a' tilleadh dhan ìre as àirde.

'S e sgiobaidhean comasach a th' annta is bidh iad gu mòr ag amas air fuireach sa Phrìomh Lìog.

Bu chòir gum bi farpais aig a' bhonn eadar na sgiobaidhean ùra is leithid Lobhat, Inbhir Aora is Cill Mhàilidh.

Piseach

Bidh cùisean doirbh do dh'Inbhir Aora mur a tig piseach orra sna geamaichean aig tuath - gu h-iongantach thàinig na 14 puingean air fad a fhuair iad an-uiridh aig an taigh air neo aig geamaichean an aghaidh sgiobaidhean eile sa cheann a deas.

A dh'aindeoin sin sheall sgioba Inbhir Aora a-rithist an-uiridh gu bheil iad fhathast comasach air an geama a thoirt gu ìre eile anns na cupan, agus tha a h-uile coltas ann gur ann mar sin a bhios gnothaichean am bliadhna cuideachd.

Gu dearbha bu chòir gum bi cùisean nas fhosgailte anns na cupan san fharsaingeachd agus bidh leithid Ceann a' Ghiuthsaich cho cunnartach sa bha iad a-riamh anns na farpaisean ud.

Tha 18 bliadhna bho bhuannaich Caol Bhòid Cupa na Camanachd ge-tà is bidh iadsan gu mòr airson sin a chur ceart.

Anns na lìogaichean sgìreil bu chòir gun till Camanachd an Òbain air ais à Lìog Deas 1 gun cus duilgheadais.

'S i bliadhna mhòr a bhios ann san lìog sin do Shrath Chùra cuideachd is iad gu bhith a' gluasad dhan phàirc ùr aca sa bhaile mus bi an seusan seachad.

Gluasad

Tha sgioba ùr san dàrna lìog aig deas, Àird nam Murchan air gluasad bhon cheann a tuath.

Sa cheann a tuath fhèin 's iad Loch Abair as coltaiche 's dòcha air tilleadh dhan Phrìomh Lìog.

Bidh iad fhèin is na sgiobaidhean eile san lìog a' cluich an aghaidh a chèile trì tursan am bliadhna is dìreach seachd sgiobaidhean a' gabhail pàirt.

Ann an Lìog Tuath 3 's e seo a' chiad seusan ceart aig Camanachd Leòdhais is iad air làn-bhallrachd fhaighinn as dèidh dhaibh soirbheachadh san deuchainn a bh' aca san lìog an-uiridh.

Tha na Leòdhasaich fhathast ag ionnsachadh agus ma thèid aca air geama no dhà eile a chosnadh am bliadhna 's e deagh sheusan a bhiodh ann.

Bidh sgioba ùr eile a' farpais nan aghaidh - is Strath Spè air àite fhaighinn san lìog.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh