Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Connadh

Chaidh Scottish Fuels a tha a' cur connaidh dha na h-Eileanan às àicheadh gu bheil iad a' gabhail brath air an luchd-ceannach. Gearraidh Riaghaltas Westminster 5sg bho phrìs liotair anns na h-Eileanan a-màireach, ach thàinig e am follais gun do chuir stèisean anns na h-Eileanan agus ann an Sealtainn a tha a' faighinn a' chonnaidh bho Scottish Fuels, na prìsean aca suas dà thuras air an t-seachdain mu dheireadh, agus tha coltas ann gum faodadh àrdachadh eile a bhith ann an ath-sheachdain.

Megrahi

Thèid Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgaill, a cheasnachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar mu fhiosrachadh ùr mu bhomair Locarbaidh. Tha na pàrtaidhean dùbhlannach airson faighinn a-mach carson a leig Abdelbasset Ali Al Megrahi ath-thagradh seachad goirid mus deach a shaoradh à Prìosan Grianaig. Tha leabhar ùr mu dheidhinn Megrahi ag ràdh gun do dh'iarr Riaghaltas na h-Alba air sin a dhèanamh. Tha Coinneach MacAsgaill a' dol às àicheadh.

Seach-rathad Obar Dheathain

Dh'fhailich tagradh laghail a rinn luchd-iomairt an aghaidh Seach-rathad Obar Dheathain aig Cùirt an t-Seisein. Fhuair an rathad cead bho Riaghaltas na h-Alba an toiseach ann an 2009. Tha daoine a tha ag iarraidh an rathaid ag ràdh gu bheil fìor fheum aig eaconamaidh na sgìre air. Thuirt luchd-iomairt gum beachdaich iad air tagradh as ùr an aghaidh a' phlana a chur gu Prìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte ann an Lunnainn.

Dùn Èideann

Tha rannsachadh poilis a' dol air adhart aig taigh ann an Dùn Èideann far an deach corp boireannaich agus leanaibh òig fhaighinn an-dè. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm dhan togalach ann an sgìre Sighthill anmoch feasgar an-dè.

Bàtaichean-Slaodaidh

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air Riaghaltas Westminster pàigheadh airson bàta-slaodaidh a' Chuain Sgìth airson suas ri sia bliadhna gus am bi gnìomhachas ath-nuadhachail aig muir aig ìre gus am pàigh an gnìomhachas sin airson na seirbheis. Thig an cùmhnant a th' aig an Riaghaltas leis a' chompanaidh aig a bheil na bàtaichean-slaodaidh an-dràsta gu ceann aig deireadh a' Mhàirt. Pàighidh gnìomhachas na h-ola airson bàta Shealtainn, ach chan eil taic air nochdadh do bhàta a' Chuain Sgìth.

Tuath Chnoc nan Gobhar

Tha an tuathanas mu dheireadh a tha a' reic bainne sna h-Eileanan Siar a' dol a sguir ga reic gu h-iomlan ro dheireadh an t-Samhraidh. Thuirt Hamish MacCoinnich, leis a bheil Tuath Chnoc nan Gobhar ann an Steòrnabhagh, gu bheil e a' fàs ro dhaor dhaibh am bainne a chur a-mach. Tha an tuath air a bhith a' reic bainne bho chionn 80 bliadhna eadar Nis agus na Lochan, agus 's iad an tuath-bainne mu dheireadh air a' chosta an iar eadar Arcaibh 's an t-Òban. Tha mu 50 mart-bainne aca, agus thèid iad sin uile a reic.