Tuathanas Cnoc nan Gobhar a' sguir a' reic bainne
- Air fhoillseachadh

Thèid crodh-bainne an tuathanais uile a reic
Tha an tuathanas mu dheireadh a tha a' reic bainne sna h-Eileanan Siar a' dol a sguir ga reic gu h-iomlan ro dheireadh an t-Samhraidh.
Thuirt Hamish MacCoinnich, leis a bheil Tuathanas Chnoc nan Gobhar ann an Steòrnabhagh, gu bheil e a' fàs ro dhaor dhaibh am bainne a chur a-mach.
Tha an tuathanas air a bhith a' reic bainne bho chionn 80 bliadhna eadar Nis agus na Lochan.
'S iad an tuathanas-bainne mu dheireadh air a' chosta an iar eadar Arcaibh 's an t-Òban.
Tha mu 50 mart-bainne aca, agus thèid iad sin uile a reic.