Deasbad nam bàtaichean-slaodaidh

Bàta-slaodaidh
Image caption Tha mì-chinnt mu choinneamh bhàta-slaodaidh a' Chuain Sgith fhathast

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air Riaghaltas Westminster pàigheadh airson bàta-slaodaidh a chumail anns a' Chuan Sgith airson suas ri sia bliadhna eile.

Tha a' Chomhairle an dòchas gum bi gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail aig muir aig ìre an uair sin airson uallach na seirbheis a ghabhail os làimhe.

Thig cùmhnant nam bàtaichean-slaodaidh gu ceann aig deireadh a' Mhàirt agus ged a tha gnìomhachas na h-ola deònach pàigheadh airson bàta Shealtainn, tha ceist ann fhathast cò phàigheas airson tè a' Chuain Sgith.

Cumar coinneamh Diardaoin airson beachdachadh air na tha fa-near dhan t-seirbheis.

Fuasgladh

Thuirt an Comh. Tormod Dòmhnallach, a th' air a bhith an lùib na strì airson bàtaichean-slaodaidh a' Chinn a Tuath a ghlèidheadh, gu bheil e den bheachd gu bheil an Riaghaltas fhèin ag aithneachadh a-nis nach gabh an t-seirbheis cumail a' dol ann an dòigh choimearsalta.

"Chan eil ach dà roghainn ann - gum feum an Riaghaltas bàta-slaodaidh a chur an sàs neo cha bhi i idir ann," thuirt e.

Tha an Comh. Dòmhnallach misneachail ge-tà gum faodadh sin atharrachadh nuair a thig pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail aig muir gu ìre timcheall air na h-Eileanan.

Bheir e grunn bhliadhnaichean eile ge-tà, thuirt e, mus bi an gnìomhachas aig ìre far am faod e pàigheadh airson na seirbheis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile