Clach-mhìle son sgioba Inbhir Uige

  • Air fhoillseachadh
Pàirc HarmsworthTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Dachaidh Wick Academy - Pàirc Harmsworth (Dealbh bho Wick Academy FC).

Tha sgioba ball-coise Wick Academy air clach-mhìle a ruighinn is iad air Teisteanas Cluba Nàiseanta fhaighinn bhon SFA.

Tha an SFA a' cur ro chlubaichean gum feum iad inbhe shònraichte a ruighinn a thaobh leithid ghoireasan, sàbhailteachd agus còidseadh son òigridh.

Feumaidh clubaichean sealltainn cuideachd gu bheil iad ann an suidheachadh ionmhais a tha seasmach.

Thòisich sgioba Inbhir Uige an oidhirp aca bho chionn trì bliadhna, agus tha an SFA a-nise air leigeil fhaicinn gun d'ràinig an cluba an ìre a tha a dhìth orra gus a' chiad ìre den teisteanas fhaighinn.

"Nuair a thòisich sinn cha robh sinn a' coileanadh ach glè bheag de na h-iarrtasan", thuirt Iain Briskham bho Wick Academy.

"Tha an club air obair mhòr a dhèanamh agus ged a fhuair sinn beagan airgid bhon SFA, tha cuid mhath de na bha a dhìth oirnn air tighinn bho chunntas a' chluba fhèin.

"Tha seo garbh chudromach dhuinn oir feumaidh clubaichean an ìre seo a ruighinn ro 2016 son ballrachd san SFA a chumail, agus bho 2015/16 cha bhi cead aig clubaichean nach d'fhuair an teisteanas pàirt a ghabhail ann an Cupa na h-Alba", thuirt e.

Ballrachd

Chaidh Wick Academy a stèidheachadh ann an 1893.

Fhuair iad ballrachd ann an Lìog na Gàidhealtachd ann an 1994, nuair a ghluais Caledonian is Thistle (mar chluba ùr aonaichte) is Ross County dhan SFL.

Chan e sin a-mhàin a fhuair iad bho Thistle, is pìosan de Phàirc Kingsmills ann an Inbhir Nis cuideachd a' gluasad gu Pàirc Harmsworth ann an Inbhir Uige.

Tha sgioba Inbhir Uige air clìu a choisinn mar sgioba chomasach, is cluba a tha air a dheagh stiùireadh.

'''S e clach-mhìle shonraichte a tha seo dhan chluba againn", thuirt cathraiche Wick Academy, Cailean Stiùbhairt.

"Tha sinn pròiseil dha-rìribh gun d' fhuair sinn an teisteanas seo, rud nach eil aig an ìre seo aig ach glè bheag de chlubaichean ann an Lìog na Gàidhealtachd.

"Tha sinn ann an suidheachadh fìor làidir far na pàirce a-nise - agus tha sinn an dòchas gun toir sin dhuinn a h-uile cothrom son soirbheachadh air a' phàirce cuideachd", thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh