Geamaichean iomain gan gluasad
- Air fhoillseachadh

Dh'innis Comunn na Camanachd gu bheil iad air cuid de na geamaichean a bhios a' dol air adhart aig an deireadh-sheachdain a ghluasad.
'S ann Disathairne a tha seusan 2012 a' tòiseachadh.
Thèid an geama sa Phrìomh Liog eadar Ceann Loch Seile is Ceann a' Ghiuthsaich - a' chiad gheama aig Ceann Loch Seile anns a' Phrìomh Lìog - air adhart a-nise aig an Dell aig 1230, seach anns a' Chlachan Aillseach mar a bha dùil.
Tha atharrachaidhean cuideachd ann an Lìog Deas 2.
Bidh Àird nam Murchan à-nise aig an taigh seach air falbh an aghaidh Bhaile a' Chaolais.
Thèid Col Glen an aghaidh Eilean Bhòid ann an Gleann Dà Ruadhail seach Baile Bhòid.
Bidh an geama eadar Lochside Rovers is Caol Bhoid a-nise aig a' Ghaineamh Bhàin aig 1300.
Chaidh an geama aig Tayforth is Obar Dobhair a ghluasad cuideachd, is thèid sin air adhart a-nise ann am Baile nam Feusgan.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 29 An Gearran 2012