Dragh mu sgeama lùghdachaidh chonnaidh sna h-Eileanan
- Air fhoillseachadh

Thòisich sgeama lùghdachaidh Riaghaltas Westminster air prìs a' chonnaidh ann an Eileanan na h-Alba.
Bha Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, an làthair aig Stèisean Peatrol Uige san Eilean Sgitheanach son toiseach an sgeama a chomharrachadh.
Fon sgeama tha 5sg a' tighinn far prìs gach liotair de pheatrol 's diesel aig a' phumpa.
Tha ceistean mòra ge-tà am faigh daoine buannachd sam bith às.
Tha prìsean air èirigh dà thuras sna h-Eileanan an Iar agus ann an Sealtainn sna làithean a dh'fhalbh, 3sg agus 2sg.
Àrdachaidhean
Tha a' chompanaidh Scottish Fuels ag ràdh gu bheil na h-àrdachaidhean a th' ann mar sgàthan air mar a tha prìs na h-ola ag èirigh gu h-eadar-nàiseanta.
Ach tha BP Arcaibh is Sealtainn, Alasdair MacIlleMhìcheil, ag ràdh nach tàinig àrdachadh coltach ris air prìsean air Tìr Mòr 's an aon ùine.
Chaigh an sgeama a chur an sàs ann an Eileanan a' chosta an iar, na h-Eileanan mu Thuath, Eileanan Chluaidh agus Eileanan Scilly ann an Sasainn.
Gheibh luchd-reic a' chonnaidh anns na sgìrean sin 5sg an liotair air ais bhon Riaghaltas, agus uallach orra an lùghdachadh sin a thoirt air prìsean aig a' phumpa.
Tha prìsean sna h-Eileanan suas ri 20sg nas àirde na tha iad air Tìr Mòr.
Tha Scottish Fuels ge-tà, a' dol às àicheadh gu bheil iad a' feuchainn ri prothaid a dhèanamh às an sgeama.
Prothaid
"Ciamar a nì thu sin ma tha thu a' dèanamh prothaid de 2.6sg an liotair?" thuirt fear de stiùirichean na companaidh, Sam Chambers.
"Tha am beagan a bharrachd a chuireas sinn air prìsean sna h-Eileanan ann gus cosgaisean giùlain a phàigheadh. Tha dràibhearan againn ri phàigheadh.
"Chan ionnan mar a tha am poball ga fhaicinn agus mar a tha cùisean an da-rìribh.
"Tha sinn glè dheònach leigeil le duine sam bith gu neo-eisimeileach sùil a thoirt air na figearan againn. Chan e sinne a stèidhicheas prìsean aig a' phumpa sna h-Eileanan. 'S iad an luchd-reic sna stèiseanan connaidh fhèin a nì sin.
"Bidh sinne ga thoirt a-steach, 's ga reic riutha, cho math 's is urrainn dhuinn.
"'S iad as motha a nì prothaid a-mach à bhith a' reic connaidh, an Riaghaltas. Tha 20sg VAT, agus 57.9sg de chìs ga cur air a thuilleadh air sin," thuirt e.
Diofar
Thuirt BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNìll, gu bheil diofar mu 10sg an-dràsta eadar prìsean sna h-Eileanan agus prìsean air Tìr Mòr.
Dh'iarradh e gun tigeadh sin a-nuas gu 5sg nuair a thèid an sgeama a chur an sàs, ma dh'obraicheas e gu ceart.
Tha e airson 's gum bi a' phrìs anns na h-Eileanan ceangailte ris a' phrìs ann an leithid Inbhir Nis, is nach biodh bearn àm sam bith nas motha na mu 5sg eadar an dà phrìs.
"Aig deireadh an là, mur a gabh earbsa, 's mur a gabh iad ris an dleastanas a tha seo, 's mur a bi onair ann, cha bhi sgeama ann," thuirt Mgr MacNìll.
"Tha sinn air a bhith bliadhnaichean ag argamaid airson seo.
"Chan eil còir aig duine sam bith, companaidhean no bùthainnean sam bith call à seo aig deireadh an là," thuirt e.
Tha Mgr MacNìll a' cumail a-mach gu bheil prìs a' chonnaidh anns na h-Eileanan air a dhol suas cha mhòr 20sg bhon a dh'innis Danny Alexander an toiseach gun robh an riaghaltas a' beachdachadh air sgeama lughdachaidh.
Tha Oifis na Malairt Cothromaiche gus aithisg fhoillseachadh as t-Samhradh mu mhonopolaidh a th' ann am margaidh a' chonnaidh sna h-Eileanan.
Stèiseanan
Nochd dragh cuideachd mun bhuaidh a dh'fhaodadh an sgeama ùr toirt air cuid de na stèiseanan peatroil fhèin anns na h-Eileanan.
Fon sgeama bidh na stèiseanan a' cur an lùghdachaidh an-sàs iad fhèin aig na pumpanaichean, is an uairsin a' cur a-staigh dhan riaghaltas son an t-airgead fhaighinn air ais.
Thuirt Dòmhnall MacNeill, aig a bheil stèisean peatroil ann an Uibhist a Deas, gun toir e mu dhà mhìos gus am faigh na stèiseanan an t-airgead air ais, is tha e a' cumail a-mach gum faodadh sin cur às do stèiseanan beaga.
Thuirt e gum biodh e na b'fheàrr nan rachadh an lùghdachadh a chur an sàs mus ruig an connadh na stèiseanan.