Iarrtas gun reic CNES connadh
- Air fhoillseachadh
Nochd beachd gum bu chòir do Chomhairle nan Eilean Siar a bhith a' reic connaidh is ceistean mòra ann mu dè feum a nì an sgeama lùghdachaidh ùr aig Riaghaltas Westminster.
Fon sgeama, a thòisich gu h-oifigeil madainn Dhiardaoin, tha 5sg a' tighinn far prìs gach liotair de pheatrol 's diesel aig a' phumpa.
Tha prìsean air èirigh dà thuras sna h-Eileanan an Iar agus ann an Sealtainn sna làithean a dh'fhalbh ge-tà, 3sg agus 2sg.
'S e sin a tha a' fàgail gu bheil cuid airson 's gun tèid Comhairle nan Eilean Siar an-sàs.
'S iad a' chomhairle a tha a' ruith sgaoileadh a' chonnaidh do bhàtaichean-iasgaich nan Eilean mar thà.
Feum
Tha Rùnaire Comann Iasgairean nan Eilean, Donnchadh MacAonghais, gun robh obair mhòr an lùib an sgeama sin a chur air doigh sa chiad a' dol a-mach, ach gun do rinn e feum mòr dha na h-iasgairean.
Tha e ag iarraidh gun coimhead CNES air an aon seòrsa rud a dhèanamh a thaobh connaidh san fharsaingeachd.
"Saoilidh mi nach tèid adhartas a dhèanamh gus an tèid cuideiginn eile a-steach dhan mhargaid.
"Saoilidh mi gum biodh Comhairle nan Eilean Siar cho math ri duine sam bith eile tighinn a-steach dhan mhargaidh airson na coimhearsnachd", thuirt e.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gum beachdaich iad air a' chùis, ach nach e gnothach sìmplidh a bhiodh ann.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 29 An Gearran 2012