Cliù Eachainn nan Cath ga ùrachadh
- Air fhoillseachadh
'B e Eachann MacDhòmhnaill fear de na saighdearan a b' ainmeile bho linn Bhictoria - ach tha dragh air cuid ann an Siorrachd Rois gu bheil cliù Eachainn nan Cath air a dhol air diochuimhne.
Rugadh Eachann MacDhòmhnaill ann an 1853 air tuathanas san Eilean Dubh.
Choisinn e chliù dha fhèin anns na cogaidhean Afganach, Innseanach is Afraganach chu na h-ìre is gun do dh' èirich e gu bhith na Mhàidsear-Seanailear agus na Ridire.
Bha seo aig àm nuair a bha glè bheag de dhaoine ag èirigh suas gu àrd ìre bho thaobh a-staigh an airm fhèin.
"Tha mi a' creidsinn gur e duine uamhasach comasach a bh'ann, sàr shaighdear a bh'ann", thuirt Seumas Grannd, aig a bheil cairdeas teaghlaich ri Eachann nan Cath.
"Chaidh e dhan airm nuair a bha e 17 - taobh a-staigh trì bliadhna bha e na Shergeant", thuirt e.
Tha cuid de na dòighean sabaid a bh'aig Eachann nan Cath gan cleachdadh suas chun là an-diugh.
Farmad
Tha e coltach ge-tà gun do chuir na comasan aig Eachann nan Cath, agus cho luath sa ràinig e àrd ìre san airm, cuthach air feadhainn eile san airm.
Chaidh a chur às leth Eachann nan Cath gun robh e ri fearas-feise.
Goirid as dèidh sin, ann an 1903, chaidh fhaighinn marbh ann an taigh-osta ann am Paris, is coltas ann gun robh e air làmh a chur na bheatha fhèin.
Bha na h-uidhir de chonnspaid mu thimcheall air a bhàs ge-tà.
"Nuair a thàinig e bhràthair a-mach chan fhaca e an corp aige", thuirt Seumas Grannd.
"Nuair a chaidh a thoirt air ais a Bhreatainn, chaidh a thiodhlaigeadh aig leth uair as dèidh sia sa mhadainn ann an Dùn Èideann.
"Bha an rud car neònach", thuirt e.
Fathanan
Bha fathanan fiù 's - nach deach a-riamh a dhearbhadh - nach do chuir Eachann làmh na bheatha fhèin idir, is gur ann a chaidh e na shaighdear ann an airm na Gearmailt.
Tha mòran den bheachd gur e mar a fhuair Eachann MacDhòmhnaill bàs a bu choireach airson nach eil cuimhne cheart air san là a th'ann.
'S e sin a tha a' fàgail gu bheil Comann Chlann Dòmhnaill a-nise airson ath-nuadhachadh a thoirt air dìleab Eachainn nan Cath.
Tha iad a' comharrachadh a cho là breith an t-seachdainn seo le ciùrm aig an tùr ann an Inbhir Pheofharan a thogadh mar chuimhneachan air.
Tha iad an dòchas gur e toiseach-tòiseachaidh a tha sin - gun cuir daoine eòlas a-rithist air na rinn Eachann nan Cath.