Taghadh a' Choimisein

  • Air fhoillseachadh
Caoraich
Fo-thiotal an deilbh,
'S e seo a' chiad turas a thèid buill a' Choimisein a thaghadh le na croitearan fhèin

Tha ìmpidh ga chur air croitearan pàirt a ghabhail anns na taghaidhean airson buill de Choimisean na Croitearachd.

'S e seo a' chiad turas a thèid leigeil le croitearan fhèin buill a' Choimisein a thaghadh.

Tha ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan BP, a' moladh do mhuinntir na sgìre brath a ghabhail air a' chothrom seo.

Cunntachail

"'S e gearan a bh' ann mu Choimisean na Croitearachd roimhe nach robh e cunntachail dha croitearan - tha Riaghaltas na h-Alba a-nis air taghaidhean a chur air dòigh a nì cinnteach gum bi na sgìrean croitearachd air fad air an riochdachadh air a' Choimisean" thuirt e.

Tha e ag ràdh gu bheil an àireamh àrd de thagraichean a tha a' seasamh anns na h-Eileanan Siar - 15 dhiubh - cuideachd na mhisneachd dha.

Tha Caidreachas Chroitearachd na h-Alba cuideachd ag ràdh gu bheil e cudromach gun gabh nas urrainn de chroitearan pàirt anns a' bhaileat.

Thuirt Cathraiche na buidhne, Derek Flynn, gun toireadh sin ùghdarras dhan Choimisean ùr agus gun dèanadh e cinnteach gum biodh taic nan croitearan aig na buill.

'S e siostam-bhòtaidh AV a tha ga chleachdadh anns an taghadh - agus tha Mgr Flynn a' moladh do dhaoine am fiosrachadh a thig an cois a' phàipeir-bhòtaidh a leughadh ceart.

Feumaidh na pàipearan-bhòtaidh a bhith a-staigh ron 15mh là dhen Mhàirt.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh