Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Chaidh riochdairean dioplòmasach Bhreatainn uile a thoirt a-mach à Siria, agus chaidh Ambasaid Bhreatainn anns a' phrìomh bhaile Damascus a dhùnadh. Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Uilleam Hague, gur ann air adhbharan tèarainnteachd a tha sin, agus aithrisean ann gu bheil feachdan an Riaghaltais ann an Siria ag ullachadh airson ionnsaigh mhòir air baile Homs. Agus chuir coinneamh Chomhairle Chòraichean Daonna an UN ann an Geneva, taic ri moladh a tha a' càineadh Riaghaltas Shiria, agus ag iarraidh stad air an t-sabaid. Bhòt Sìona, an Ruis agus Cuba an aghaidh sin.

Connadh

Gheall Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, gun dèan e rannsachadh air casaidean gu bheil companaidhean connaidh a' gabhail brath air muinntir nan Eilean. Tha Mgr Alexander anns an Eilean Sgitheanach an-diugh 's e a' foillseachadh sgeama riaghaltais a bheir 5sg gach liotair far prìs a' chonnaidh. Ach tha gearainnean ann gun deach prìsean a chur suas dà thuras bho chionn cola-deug, agus nach bi buannachd sam bith san sgeama. Tha na companaidhean ola ag ràdh gur e na cosgaisean a tha a' tighinn orrasan as coireach gun tàinig orra na prìsean aca àrdachadh.

Dàibhidh Rathband

Thuit Poilis ann an Northumberland nach eil dad amharasach co-cheangailte ri bàs Dhàibhidh Rathband - an t-oifigear poilis a chaidh fhàgail dall an dèidh do Raoul Moat losgadh air le gunna ann an 2010. Chaidh corp Mhgr Rathband, a bha 44, fhaighinn na dhachaigh ann am Blyth feasgar an-dè.

Afganastan

Thuirt NATO gun deach dithis de na saighdearan aca a mharbhadh ann an ceann a deas Afganastan an dèidh do dhithis a bhuinneas dhan àite ionnsaigh a thoirt orra. Tha e coltach gur e saighdear Afganach a bh' ann am fear de na thug an ionnsaigh orra. Cha do dh'innis NATO fhathast dè an dùthaich dham buinneadh an dithis a chaill am beatha.

Craig Roy

Chaidh binn beatha sa phrìosan air deugaire a rinn murt air gille a bha 16 bliadhna de dh'aois, ann an Cille Brìghde an Ear. Thug Craig Roy, a tha 19 bliadhna de dh'aois, ionnsaigh le sgithinn air Jack Frew ann an 2010. Thuirt am Britheamh aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann, gum feum Roy 18 bliadhna air a' char as giorra a chur seachad anns a' phrìosan.

Plòcropol

Innsidh buidheann strì às na Hearadh do Chomhairle nan Eilean Siar an ath-sheachdain mun dragh a th' orra mu phlanaichean airson tuathanas-èisg ann am Plòcropol. Chuir a' bhuidheann sgrùdadh air dòigh agus dragh orra gum milleadh an tuathanas-èisg coltas sgìre nam Bàgh do luchd-turais, agus gun dèanadh e cron air an iasgach. Tha oifigich na Comhairle a' moladh taic dhan phlana a th' aig Companaidh Bhradain na h-Alba.