£630,000 airson Bàgh an Eige
- Air fhoillseachadh

Thug Comhairle na Gàidhealtachd taic-airgid de £630,000 dhan obair-leasachaidh air Pàirce Chumhachd Bhàgh an Eige air taobh sear Rois.
Chaidh an t-airgead a thoirt dhan bhuidhinn Global Energy Nigg, a ghabh an seann ghàrradh ola os làimh, agus a tha ga leasachadh airson obair co-cheangailte ri pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail.
Thèid an t-airgead a chosg air seann togalaichean a leagail agus air sgioblachadh a dhèanamh faisg air prìomh gheataichan na làraich.
Thathas an dùil gum fàg sin gum bi sealladh nas fheàrr air an làraich agus gum bi i nas tarraingaiche do bhuidhnean a bhiodh airson a dhol an sàs.
Thuirt ceannard Comataidh Leasachaidh na Comhairle, Iain Ros, gu bheil a' Chomhairle air a bhith ag amas fad bhliadhnaichean air feum a dhèanamh de làrach Ghàrradh Bhagh an Eige, is gum bi iad ag obair còmhla ri Global Energy Nigg gus obraichean a chruthachadh.
Thuirt e gu bheil an taic-airgid ùr seo a' sealltainn mar a tha a' Chomhairle airson seann làraichean a chur gu feum as ùr son fàs a thoirt air an eaconamaidh.