Tuath-gaoithe coimhearsnachd ga thòiseachadh an Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Crainn-ghaoitheTùs an deilbh, bbc
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh trì chrain-ghaoithe san leasachadh aig Loch a' Chàrnain

Tòisichidh obair an ath-sheachdain air tuath-gaoithe ann an Uibhist a Deas.

'S ann leis a' choimhearsnachd a bhios an tuth-gaoithe air fad, agus 's e am fear as motha an Alba a th' air a ruith leis a' choimhearsnachd a-mhàin.

Thathas an dòchas gun cuir an tuath-gaoithe £1m ri eaconamaidh na sgìre gach bliadhna.

Bidh an tuath-gaoithe ann an Loch a' Chàrnain, agus bidh trì chrainn ann.

Fhuair am pròiseact maoineachadh bho Thaic-airgid Sòisealta na h-Alba, Maoin Eòrpach an Leasachaidh Roinneil, agus Banca a' Cho-op, luach uile gu lèir £11.4m.

Chùm Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) agus BIG Lottery taic-airgid ris a' phròiseact san ùine ullachaidh, le taic-teicnigeach agus grant cuideachd bho Cumhachd Coimhearsnachd na h-Alba.

"Tha sinn an dòchas gum bi na crainn suas ro dheireadh an t-Samhraidh, agus bidh iad a' ruith son mìos no dhà airson a dhèanamh cinnteach gu bheil a h-uile sian a' dol dòigheil," thuirt Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil.

"Bidh an uair sin an coimiseanadh seachad san t-Sultain no san Damhair seo tighinn.

"Bliadhna às dèidh sin, bidh sinn an dòchas gum bi sinn a' faighinn a' chiad chuid airgid a-steach dhan choimhearsnachd a-mach às a' phròiseact a tha seo," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh