Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Chuir 25 de dhùthchanan an Aonaidh Eòrpaich an ainm ri aonta ionmhais ùr le riaghailtean nas cruaidhe mar dhòigh air èiginn ionmhais eile a sheachnadh. 'S iad Breatainn agus Poblachd nan Seiceach na h-aon dùthchanan nach do ghabh ris an aonta ùr. Tha Prìomhaire Bhreatainn, Dàibhidh Camshron, air a bhith a' gearain nach eil dùthchanan eile a' toirt èisteachd sam bith dha a bheachd-san air trioblaidean eaconamach na h-Eòrpa.

Siria

Tha sreath làraidhean le biadh agus stuthan cobhair eile air an t-slighe gu sgìre de bhaile Homs ann an Siria, air an robh an Riaghaltas a' toirt ionnsaigh. Thuirt na h-ùghdarrasan gum faigh na buidhnean cobhair gu sgìre Baba Amr, an dèidh do shaighdearan reubaltach teicheadh às an sin an-dè.

Nick Clegg agus Ed Miliband

Bheir an Leas-Phrìomhaire Nick Clegg agus ceannard nan Làbarach Ed Miliband le chèile slaic an-diugh air planaichean an SNP airson referendum air neo-eisimeileachd aig co-labhairt Albannach nam pàrtaidhean aca. Canaidh Mgr Miliband ris a' cho-labhairt Làbaraich ann an Dùn Dè, gun cuireadh neo-eisimeileachd maill air dùthaich nas cothromaiche a chruthachadh. Ann an Inbhir Nis bidh mòran de dh'òraid Nick Clegg mun eaconamaidh, ach na bu tràithe thuirt e ris a' BhBC ann an Alba gum bu chòir tuilleadh saoirse a bhith aig Alba taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte. Thuirt e nan diùltadh Alba neo-eisimeileachd, gun cuireadh esan a thaic ri tuilleadh fèin-riaghlaidh.

Neo-eisimeileachd

Tha dragh air buidhnean aig a bheil pàirt mhòr ann an gnìomhachas einsiniridh na h-Alba mun cheann-là airson referendum air neo-eisimeileachd agus a' bhuaidh a tha a' mhì-chinnt a' toirt air misneachd anns a' ghnìomhachas. Thuirt Peter Hughes, Àrd-oifigear Scottish Engineering, gu bheil còrr is 70% de bhallrachd na buidhne sin ag iarraidh bhòt nas tràithe na Foghar ann an 2014, an t-àm a tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh.

Tuath-gaoithe Uibhist

Tòisichidh obair an ath-sheachdain air tuath-gaoithe ann an Uibhist a Deas. 'S ann leis a' choimhearsnachd a bhios an tuath-gaoithe air fad - am fear as motha an Alba a bhios gu lèir fo smachd na coimhearsnachd. Tha dùil gun cuir an tuath-gaoithe £1m gach bliadhna ri eaconamaidh na sgìre thairis air 20 bliadhna.

Bàtaichean-slaodaidh

Tha feadhainn a tha a' strì airson bàta-slaodaidh a chumail sa Chuan Sgith ag ràdh gu bheil iad gu math dòchasach an dèidh chòmhraidhean ri ministearan an Riaghaltais ann an Westminster an-dè. Thig cùmhnant eadar-amail airson an t-soithich gu ceann aig deireadh na mìos seo, agus tha ministearan ag ràdh gum feumar airgead prìobhaideach fhaighinn airson na seirbheis. Tha gnìomhachas na h-ola a' cumail airgid ri seirbeis a' chinn a tuath a tha stèidhichte ann an Sealtainn, agus tha comhairlichean air a' chosta an iar agus anns na h-Eileanan an dòchas a-niste gun tèid acasan air airgead fhaighinn bho ghnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail airson an tug a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh.