Gàidhlig san NHS
- Air fhoillseachadh

Chan eil mòran dhaoine air pàirt a ghabhail fhathast anns a' cho-chomhairleachadh mu phlana Gàidhlig Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte ann an Alba.
Fo Achd na Gàidhlig tha e mar dhleastanas air an NHS ann an Alba, coltach ri buidhnean poblach eile, plana Gàidhlig a stèidheachadh.
Bidh am plana a' mìneachadh mar a thèid tuilleadh aire a thoirt dhan Ghàidhlig taobh a-staigh na seirbheis.
Molaidhean
Am measg nan gnothaichean ris a bheilear a' coimhead tha gun deadh faighneachd do dhaoine a tha a' sireadh obrach anns an NHS a bheil Gàidhlig aca.
Thathas cuideachd a' coimhead air na chosgadh e facail Ghàidhlig a chur air èididhean an luchd-obrach, agus a' beachdachadh air soidhnichean Gàidhlig a chur an sàs.
Bidh aca ris na h-amasan a chuireas iad romhpa a choileanadh ro 2017.
Bha dùil gun tigeadh an co-chomhairleachadh gu ceann air 5mh am Màirt, ach chaidh an ceann-là sin a chur air ais seachdain airson tuilleadh ùine a thoirt do dhaoine am beachdan a thoirt seachad.