"Uabhas" mu chall cosnaidh sa Chòigich

An Taigh-smòcaidh Image copyright Other
Image caption Bha companaidh eile ag iarraidh cothrom air an aonad mus deach a reic

Tha BPA air Ghàidhealtachd ag ràdh gu bheil uabhas oirre gun deach dusan cosnadh a chall anns a' Chòigich, air taobh siar Rois, agus a' chompanaidh Summer Isles Smokehouse air gluasad gu Ros an Ear.

Dh'fhalbh a' chompanaidh a dh'Alanais, goirid às dèidh dhaibh an t-aonad aca anns an Aichilidh Bhuidhe a cheannach.

Tha Màiri Scanlon, tè-labhairt nan Tòraidhean air gnothaichean iomairt, airson faighneachd do dh'omairt na Gàidhealtachd carson a chaidh leigeil leis a' chompanaidh an fhactaraidh a cheannach dìreach mun àm 's a dh'fhàg iad an sgìre.

Bha companaidh leasachaidh ionadail ag iarraidh feum a dhèanamh den aonad mus deach a reic.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile