Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sochairean Cloinne

Dhearbh an Riaghaltas ann an Lunnainn gu bheil iad a' coimhead a-rithist air na planaichean a th' aca airson sguir de sgeama nan sochairean cloinne do theaghlaichean anns a bheil aon duine a' cosnadh còrr is £42,000 sa bhliadhna. Bhiodh am plana sin mar a tha e an-dràsta a' fàgail theaghlaichean far an robh dithis eadar iad a' cosnadh mòran a bharrachd air an t-suim sin, a' faighinn shochairean. Dh'aidich an Leas-Phrìomhaire Nick Clegg an-diugh gu bheil laigse sa phlana a th' aca.

An Ruis

Thuirt luchd-iomairt san Ruis gum bi iad a' togail fianais air na sràidean an dèidh mar a shoirbhich le Vladimir Putin ann an taghadh a' chinn-suidhe. Thuirt Mgr Putin gun d'fhuair e taic bhon a h-uile ceàrnaidh. Ach tha mòran a' gearain gun robh foill anns a' bhòtadh.

Abu Qatada

Tha Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, ann an Iòrdan airson còmhraidh mu shuidheachadh a' chlèirich radaigich Abu Qatada. Tha Riaghaltas Bhreatainn airson a chur chun na dùthcha sin fo chasaidean co-cheangailte ri ceannairc. Ach tha iad ag iarraidh gealltannais nach tèid ciùradh a chleachdadh airson fiosrachadh fhaighinn bhuaithe.

Paul McBride

Thathas ag ullachadh airson corp an fhir-lagha ainmeil Paul McBride a thoirt air ais a dh'Alba à Pagastan far an do chaochaill e air an deireadh sheachdain. Bha e 47. Bidh rannsachadh post mortem ann ged a tha e coltach gur e trioblaid le a chridhe a thug bàs dha.

Tuathanaich

Tha rannsachadh a rinn am BBC ag ràdh gu bheil na milleanan not ann an subsadaidh ga phàigheadh do luchd-gnothaich is tuathanaich bheartach a tha a' gabhail brath air an t-siostam. Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' pàigheadh cho mòr ri £30m a h-uile bliadhna do dhaoine 's do chompanaidhean nach eil ri obair àiteachais de sheòrsa sam bith.

UHI

Gheibh cuid de cholaistean Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean na milleanan not de dh'airgead Eòrpach airson an cuideachadh le dìth cosnaidh am measg òigridh. 'S iad colaistean Inbhir Nis, Ceann a Tuath na Gàidhealtachd, agus Moireibh a gheibh cothrom air an airgead.