Maoineachadh ùr airson cothroman a thoirt don òigridh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh, Thèid an t-airgead a roinn eadar diofar cholaistean

Thèid £1.95m a chleachdadh airson dèiligeadh ri cion-cosnaidh am measg an òigridh air Ghàidhealtachd agus ann am Moireibh.

Gheibh colaistean co-cheangailte ri Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI) cuibhreannan den airgead airson iomairtean ionadail.

'S iad colaistean Inbhir Nis, Ceann a Tuath na Gàidhealtachd agus Moireibh a gheibh an t-airgead bho Riaghaltas na h-Alba.

Cuirear an t-airgead mu choinneimh chothroman air cùrsaichean làn-ùine sa cholaiste, agus trèanadh ann an gnìomhachas na h-aoigheachd.

Dh'fhoillsich am Ministear airson Cosnadh Òigridh, Angela Constance, an t-airgead agus i a' tadhal air Colaiste Inbhir Nis.

Fhuair an UHI £5.7m bhon Aonadh Eòrpach mu choinneimh an adhbhair san Dùbhlachd, 's tha maoineachadh an Riaghaltais na thuilleadh air sin.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh