Aiseag an t-Sròim air briseadh a-rithist

Tha aiseag chàraichean an t-Sròim air Loch Carrann na tàmh a-rithist.

Bhris am bàt-aiseig goirid an dèidh dhi tilleadh gu seirbheis sa mhadainn an-diugh, agus thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach eil fhios aca cuin a thèid a càradh.

Agus leis mar a tha a' ghaoth ag èirigh chan eil luchd-einnsiniridh deònach an rathad a tha iad a' càradh an dèidh maoim-slèibhe fhosgladh nas motha.

Tha dùil ri Ministear Còmhdhail na h-Alba, Cè Brown, san sgìre feasgar a dh'fhaicinn chùisean dha fhèin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile