Ìmpidh air HIE mu thaigh-smòcaidh sa Chòigich

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Other
fo-thiotal an deilbhTha 12 cosnadh gus falbh aig an ionad

Tha barrachd ìmpidh ga cur air Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) mìneachadh carson a reic iad factaraidh sa Chòigich ri companaidh 's fios aca gun robh iad am beachd an sgìre fhàgail.

Caillear dusan cosnadh nuair a ghluaiseas Summer Isles Foods gu ionad ann an Alanais air taobh sear Rois.

'S ann bho HIE a gheibh iad an t-ionad sin air màl.

Tha a' bhuidheann a-nis ag ràdh nach robh fhios aca idir gun robh a' chompanaidh am beachd Ros an Iar fhàgail.

Tha a' chompanaidh a' cumail cosnaidh ris an treas cuid de mhuinntir an àite nach eil ag obair air an ceann fhèin.

Tha Companaidh Leasachaidh na Còigich a' dèanamh oidhirp air an t-ionad a cheannach às leth na coimhearsnachd.

Thuirt HIE gun do dh'fheuch iadsan ri dàil a chur air a' ghnothach cuideachd, ach gun robh am pròiseas laghail aig ìre cho adhartach 's nach gabhadh sin dèanamh.

Ann am brath-naidheachd, thuirt HIE gun do dh'aontaich iad ionad ann an Alanais a leigeil do Summer Isles Foods air màl, agus dùil aca gur ann a' leasachadh a' ghnìomhachais a bha iad.

Gheall iad ath-sgrùdadh a dhèanamh air am poileasaidh togalaichean a reic ri companaidhean a th' aca air màl co-dhiù.

Thuirt Summer Isles Foods gum pàigh iad cosgaisean siubhail don luchd-obrach a' chiad ghreis, gus am faigheadh iad air siubhal chun an ionaid ùir ann an Alanais.

Cha do ghabh ach dithis den luchd-obrach ris a' chothrom sin ge-tà, agus iad ag ràdh gum feum iad am morgaidsean a phàigheadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh