Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig

Art MacCarmaig
Image caption Bha Mgr MacCarmaig na Chathraiche air Bòrd na Gàidhlig fad 3 bliadhna

Tha Art MacCarmaig air a dhreuchd mar Chathraiche Bhòrd na Gàidhlig a leigeil dheth.

Bha e anns an dreuchd bho 2009, agus tha e air a bhith na bhall dhen Bhòrd bho 2007.

Chaid Ealasaid Nic an t-Saoir a chur dhan dreuchd anns an eadar-ama, agus chaidh Iain Caimbeul a thaghadh mar Iar-chathaiche eadar-amail a' bhuird.

Uallach obrach

Ann an litir gu Ministear Chànanan na h-Alba, Alasdair Allan BPA, thuirt Mgr MacCarmaig gu robh e air co-dhùnadh nach b' urrainn dha cumail a' dol le obair a' chathraiche agus an obair làitheil aige os cionn na buidhne Fèisean nan Gàidheal.

Thuirt Mgr Allan gu robh e gu math duilich gu robh Mgr MacCarmaig a' fàgail a dhreuchd.

"'S ann le mòr-aithreachas a ghabh mi ri Art MacCarmaig a' leigeil dheth a dhreuchd mar Chathraiche air Bòrd na Gàidhlig air sgàth adhbharan pearsanta", thuirt e.

Thug e taing dha Mgr MacCarmaig airson an obair mhòr a rinn e thar nam bliadhnaichean a dh'fhalbh a thaobh leasachadh na Gàidhlig.

Thuirt Mgr Allan gu robh e a' fàgail a' Bhuird ann an suidheachadh làidir le Plana Nàiseanta Gàidhlig a bheir stiùir dhaibh thar an ath-chòig bliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile